Clachan gan tilgeil air càraichean air rathad an A835

An A835 aig Eas RothagaidhTùs an deilbh, Roger Davies/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Rinn Poileas Alba tagradh 'son fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh clachan is rudan eile a thilgeil air càraichean air fear de phrìomh rathaidhean na Gàidhealtachd.

Thachair seo air an A835 eadar Eas Rothagaidh is Cunndainn Diardaoin eadar 7f is 10f.

Thuirt na poilis gun deach grunn chàraichean a bhualadh.

Tha iad ag ràdh gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn is gu bheil iad gu sònraichte airson cluinntinn bho dhràibhearan a bha san sgìre aig an àm is aig a bheil dealbhan dashcam.

Bu chòir fònadh gu Poileas Alba air 101 is àireamh 3656 21/05 a thoirt seachad.