Loganair a' càineadh HIAL

Itealan Loganair
  • Air fhoillseachadh

Tha Loganair air Companaidh Phuirt-àdhair na Gaidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) a chàineadh as dèidh mar a chaidh seirbhis eadar Steòrnabhagh agus Dùn Èideann a chuir dheth oidhche Dhòmhnaich.

Bha an t-seirbheis air dheireadh, ach, a-rèir Loganair dhiùlt luchd-tearainteachd aig port-adhair Steòrnabhaigh fuireach nan obair airson dèiligeadh ris an itealan, a' ciallachadh gum b'fheudar dhaibh an t-seirbheis a chur dheth.

Do-chreidsinneach

Thuirt Loganair gu robh 45 clàraichte aca airson siubhal à Steòrnabhagh gu ruige Dùn Èideann oidhche Dhòmhnaich.

Ann am brath air na meadhanan sòisealta aca, thuirt iad a dh'aindeoin 's gun robhar air itealan agus criutha a chuir air dòigh gus an t-seirbheis a bha air dheireadh, a lìbhrigeadh, b'fheudar a chuir dheth ri lìnn 's nach robh sgioba tèarainteachd HIAL dèonach feitheamh gus dèiligeadh ris.

Thuirt Àrd-oifigear Loganair, Luke Farajallah, gun robh e do-chreidsinneach dha gun do dh'fhàg an sgioba tearainnteachd am port adhar agus iad a' diùltadh dèiligeadh ris an itealain.

Thuirt e cuideachd gu bheilear an dòchas gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air an co-dhunadh seo, agus gur e suidheachadh àraid agus air leth a th'ann.

Anns an ùine air thoiseach, thuirt e gu bheil e an dòchas gun urrainn Loganair agus HIAL obair còmhla airson maith an luchd-siubhail.

Thuirt HIAL gun robh iad air iarratas fhaighinn 'son dà uair de thìde thairis air an ùine am bu chòir dhan phort-adhair dùnadh, ach gu mì-fhortanach cha b' urrainn dhaibh dèiligeadh ris an iarrtas.

"Tha e duilich gur ann air na meadhanan-sòisealta a chaidh coire a chur air an luchd-obrach againne a tha ag obair gu cruaidh.

"Obraichidh HIAL le na diofar chompanaidhean airson seirbheisean a thoirt seachad dha na coimhearsnachdan agus luchd-siubhail againn", thuirt iad.