Tuilleadh chòmhraidhean mu Chaisteal Cheann Loch

  • Air fhoillseachadh
Caisteal Cheann LochTùs an deilbh, John Allan/Geograph

Thuirt Urras Coimhearsnachd Eilean Rùim gu bheil iad a' cur an làn thaic ri co-dhunadh Riaghaltas na h-Alba bho chionn ghoirid dàil a chur air a bhith a' reic Caisteal Cheann Loch san eilean.

Choinnich riochdairean na coimhearsnachd agus Coimisean Fearann na h-Alba Diluain a dheasbad an t-slighe air adhart airson an togalaich a bha air a' mhargaidh fhosgailte agus a tha ann am fìor dhroch staid.

'S ann leis a' bhuidhinn riaghaltais NadarAlba a tha Caisteal Cheann Loch agus a' chuid as motha de dh' Eilean Rùim.

Bha an caisteal air a chleachdadh mar ostail ach chaidh a dhùnadh ann an 2015.

Tha pìosan dhen togalach a' cur feum air obair càraidh agus bhiodh sin a' crochadh air airgead poblach mòr.

Caisteal Cheann LochTùs an deilbh, Xavier DESMIER/Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an dealbh seo de thaobh a-staigh a' chaisteil a thogail bho chionn fichead bliadhna. Tha pìosan dhen togalach air a dhol bhuaidhe bhon uairsin.

Rinn buidhean choimhearsnachd tagradh ann an 2019 an togalach a ghabhail os làimh agus àite-fuirich do luchd-turais agus taigh-tasgaidh a dhèanamh dheth ach chaidh sin a dhiùltadh.

Dh'innis NadarAlba as t-samhradh gu robh iad ann an còmhraidhean a bha aig ìre gu math adhartach an caisteal a rèic ri fear-gnothachais.

Thog Urras Coimhearsnachd Eilean Rùim dragh mun a seo 's iad ag ràdh gun robh gainnead fiosrachaidh ann mu dè a bha am fear-gnothachais an dùil a dhèanamh leis a' chaisteal.

Cho-dhùin am ministear, Lorna Slater, an t-seachdainn sa chaidh dàil a chur air a bhith a' reic a' chaisteil ag ràdh gun robh Riaghaltas na h-Alba airson fuasgladh fhaighinn a fhreagradh air na h-eileanaich agus nach cuireadh uidhir a dh'uallaich air luchd-pàighidh nan cìsean.

Chuir an t-urras fàilte air an sin agus choinnich iad ri riochdairean bho Choimisean Fearann na h-Alba Diluain 'son tuilleadh chòmhraidhean.

Caisteal Cheann LochTùs an deilbh, Ashley Dace/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an aon rathad ceart tron bhaile gu math faisg air a' chaisteal.

Ma thèid an caisteal a reic tha an t-urras gu mòr airson 's gun tèid an talamh mu chuairt an togalaich a chur fo shealbh na coimhearsnachd - agus ma tha e iomchaidh pìosan a thoirt do ghnothachas a' chaisteil air màl.

Tha dragh orra gu sònraichte mun rathad mu choinneamh a' chaisteil, agus an talamh far a bheil cumhachd dealain agus siostam uisge an eilein stèidhichte.

Thuirt an t-urras gun robh iad gu math misneachail mun chùis agus gu bheil iad a' coimhead air adhart ri coinneamh eile le Coimisean Fearann na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba an ath-sheachdainn.