Fireannach a dhìth ann an Leòdhas

Anndra Yearley
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis a' sireadh taic agus fireannach air a dhol a dhìth ann an Leòdhas.
Chaidh Anndra Yearley, 53, fhaicinn mu dheireadh ann an Ceòs, ann an sgìre nan Loch, mu 9m Diciadain 17mh den Ògmhios.
Tha mu chòig troighean agus còig òirlich a dh'àirde ann. Tha e tana, le falt goirid liath agus speuclairean.
Dh'fhaodadh gu bheil briogais dhubh agus brògan-coiseachd air ach chan eil sin dearbhte.
Tha oifigearan air a bhith ga shireadh le taic bho na maor-chladaich, an t-seirbheis smàlaidh agus sgioba-teasairginn nam beann.
Thuirt an Conastabal Sophie Ghreumach gu bheil uallach mòr orra mu Mhgr Yearley agus gu bheil e cudromach gum faigh iad sgeul air.
Thathas ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic e no aig a bheil fiosrachadh, fios a chur thuca air 101, taobh a-muigh.