Gearan mu sheirbheis a' phuist "uabhasach slaodach" air Taobh Sear an Eilein Sgitheanaich

Kenna Rennison ann an Stafainn
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Kenna Rennison ag ràdh gu bheil i uaireannan "trì neo ceithir làithean gun post fhaighinn"

LeAlasdair MacLeòid
BBC NaidheachdanAg aithris àsAn t-Eilean Sgitheanach
  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir Taobh Sear an Eilein Sgitheanaich a' gearan gu bheil cuid a' feitheamh còrr is seachdain airson litrichean is parsailean fhaighinn tron phost on dh'atharraich an t-seirbheis gu h-ionadail.

Bhruidhinn BBC Naidheachdan ri tè a thuirt gur ann aig naoi uairean a dh'oidhche a thàinig am post Diluain, agus gun deach a chantainn rithe gun dùil a bhith aice ri post a-rithist gu seachdain Diardaoin.

Tha an dàil seo a' fàgail gu bheil dragh ann nach bi cothrom aig cuid bhòtadh air thoiseach air taghadh Pàrlamaid na h-Alba an ath-sheachdain.

Tha beachd ann gur e as coireach ris a' bhuaireadh gu bheilear a' dèiligeadh a-nis ri post na sgìre am Port Rìgh an dèidh don oifis-sortaidh an Stafainn dùnadh, agus gu bheil dithis phost ionadail a' fàgail.

Ghabh am Post Rìoghail ris gu bheil dàil lìbhrigidh air a bhith ann is thuirt iad gu bheil iad ag obair gus "an t-seirbheis àbhaisteach ath-stèidheachadh cho luath 's a ghabhas".

Oifis a' Phuist ann an Stafainn
Fo-thiotal an deilbh,

B' abhaist don phost a bhith air a chur an òrdugh ann an Stafainn ach tha an obair sin air a gluasad gu Port Rìgh

Thuirt Kenna Rennison a tha a' fuireach san sgìre gum b' àbhaist deagh sheirbheis a bhith aca ach bho chionn mìos tha i air "fàs uabhasach slaodach".

"'S dòcha gum bi sinn trì neo ceithir làithean gun post fhaighinn agus an uairsin gheibh sin cnap còmhla.

"Nam bithinn a' feitheamh ri càil bhon ospadal neo a' feitheamh ri rud a bha sùil agam ris agus nach robh e a' tighinn, dhèanadh e diofar an uairsin," thuirt i.

Tha dragh cuideachd ann nach fhaigh daoine càirt-bhòtaidh ann an tìde airson bhòt-phuist a dhèanamh air thoiseach air an taghadh an ath-sheachdain.

Chaidh innse do dh'aon bhoireannach gun dùil a bhith aice ri post a-rithist gu Dihaoine an là an dèidh na bhòt.

Leis gu bheil i fhèin agus an duine aice gu bhith air falbh, tha a-nis dragh oirre nach bi cothrom aca air bhòtadh.

An Comhairliche Chrissie NicGilleÌosa
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Comh Chrissie NicGilleÌosa a' toirt comhairle do dhaoine mu na roghainnean bhòtaidh eile aca

Tha aon de chomhairlichean ionadail na sgìre, Cairistìona NicGilleÌosa, ag ràdh gum bu chòir duine sam bith ann an suidheachadh mar seo fios a chur air Oifis Chlàraidh an Taghaidh airson na Gàidhealtachd is nan Eilean Siar cho luath is as urrainn.

Tha i ag ràdh gu bheil "dòighean eile ann gus am pasgan fhaighinn".

Mhìnich i: "Mura h-eile am pasgan-bhòtaidh aca feumaidh iad bruidhinn ris na h-oifigearan gus dèanamh cinnteach gu bheil fear ùr a' tighinn a-steach.

"Faodaidh sibh fhaighinn tron phost neo faodaidh sibh fhaighinn bhon stèisean-bhòtaidh.

"Mar sin, faodaidh an neach-bhòtaidh neo caraid am pasgan a chur a steach don stèisean-bhòtaidh air là na bhòt."

Thuirt am Post Rìoghail gu bheil iad a' gabhail cheumannan airson is gum faigh daoine stuth an taghaidh tron phost agus fios aca cho cudromach is a tha seo.

Tha fios aca gu bheil buaireadh a' dol timcheall air sgìre Stafainn ri linn dìth luchd-obrach thar na geàrr-ùine ach gu bheil iad a' cur barrachd taice an sàs airson gun till an t-seirbheis àbhaisteach cho luath is a ghabhas.