"Tairgse cheart" 'son ìomhaigh-bràghad mharmoir aig comhairle luach £3.1m

Ìomhaigh-bràghad Sir Iain GòrdanTùs an deilbh, COMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an ìomhaigh de Sir Iain Gòrdan a dhèanamh le Edmé Bouchardon

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad air gabhail ri "tairgse cheart" airson ìomhaigh-bràghad bhon 18mh Linn den uachdaran Ghàidhealach Sir Iain Gòrdan.

Tha an t-ùghdarras ionadail, ris a bheil an ìomhaigh mharmoir an urra, a' moladh a reic airson airgead a thogail don choimhearsnachd ann an Inbhir Ghòrdain, baile a chaidh ainmeachadh mar urram don teaghlach Gòrdan.

Tha luchd-rùpa a' moladh prìs £3.1m ach chan eil a' chomhairle air innse dè na chaidh a thabhainn orra.

Tha Taigh-tasgaidh Cabhlaich agus Ionad Dualchais Inbhir Ghòrdain air innse don BhBC gur iad a chuir a-steach tairgse.

B' e mac bancair a bh' ann an Sir Iain Gòrdan agus bha tòrr fearainn aig a theaghlach ann an Cataibh agus Siorrachd Rois. 'S iadsan a stèidhich baile Inbhir Ghòrdain air Linne Chrombaigh.

Bha Sir Iain na dhuine òg air turas san Roinn Eòrpa nuair a choinnich e ris an neach-ealain chliùteach Edmé Bouchardon san Ròimh ann an 1728 far an deach an ìomhaigh a dhèanamh.

Chaidh e na bhall-pàrlamaid ann an 1742.

Cheannaich Comhairle Baile Inbhir Ghòrdain an ìomhaigh dheth airson £5 ann an 1930, ach chaidh a chur air falbh agus a stòradh aig raon gnìomhachais agus cha robh càil a dhùil gun robh e cho luachmhor gu bho chionn beagan bhliadhnaichean.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun d' fhuair iad tairgse cheart, ach nach b' urrainn dhaibh innse cò bhuaithe a fhuair iad sin air sgàth aonta dìomhaireachd.

Thuirt iad gu bheil còig mìosan aig an luchd-ceannaich an t-airgead a tha a dhìth a thogail.

Inbhir GhòrdainTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh maoineachadh a gheibhear bho reic na h-ìomhaigh air a chleachadh a chùm maith mhuinntir Inbhir Ghòrdain

Fad bhliadhnaichean bha an ìomhaigh-bràghad air a taisbeanadh an Caisteal Inbhir Ghòrdain, agus chaidh a ghlèidheadh an dèidh teine san togalach san 19mh Linn.

Cheannaich comhairle a' bhaile am pìos-ealain airson £5 aig rùp faisg air Inbhir Ghòrdain ann an 1930.

Thathar a' tuigsinn gun robh iad am beachd an ìomhaigh a thaisbeanadh ann an Talla-baile Inbhir Ghòrdain mus deach a chur ann an stòr agus cha mhòr à cuimhne dhaoine.

Thuirt Maxine Nic a' Ghobhainn, comhairliche Gàidhealach, gun d' fhuair ise lorg às ùr air an 1998 agus e a' cumail doras fosgailte aig raon-gnìomhachais na comhairle am Baile an Todhair, mu 14 mìle air falbh bho Inbhir Ghòrdain.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e buannachd coimhearsnachd a th' anns an ìomhaigh-bhràghad a bhuineas do Mhaoin Maith Coitcheann Inbhir Ghòrdain.

Ann an Alba, tha na maoinean seo a' dol air ais dhan 15mh Linn agus 's ann leotha a tha talamh, togalaichean agus inbheistidhean a chùm buannachd luchd-còmhnaidh baile.