Naidheachdan 11:00m
Jaguar Land Rover
Tha a' chompanaidh chàraichean Jaguar Land Rover air dearbhadh gu bheil iad airson mu 4,000 cosnadh a ghearradh feadh an t-saoghail, agus iad an dòchas £1.7bn a shàbhaladh thairis air dà bhliadhna. Bidh sgeama air fhosgladh aca airson cothrom a thoirt do dhaoine an dreuchdan fhàgail len toil. Tha timcheall air 30,000 duine ag obair aig a' chompanaidh ann am Breatainn.
Volkswagen
Tha a' chompanaidh chàraichean Volkswagen anns a' Ghearmailt air innse gu bheil companaidh ionmhais Israelach agus riaghaltas sgìre Saxony Ìochdrach air aontachadh fear dhe na factaraidhean mòra acasan a cheannach. Bidh factaraidh Volskwagen ann an Osnabrueck a-nis air a chur gu feum airson armachd a dhèanamh seach càraichean.
An Eaconomaidh
Tha an Seansalair air gealltainn amas a chur air fàs eaconomach, agus e ris a' chiad òraid mhòr aige anns an dreuchd. A' bruidhinn ann an Coventry, thuirt John Healey gun robh an dùthaich a' tionndadh a' chornair a thaobh duilgheadasan eaconomach. Bha cus fhathast ga chosg air fiachan nàiseanta a phàigheadh ge-tà, thuirt e.
Faraidhean bus
Tha faraidhean bus ann am mòran sgìrean de thaobh siar na h-Alba air an cuingealachadh aig £2 bhon diugh, agus sgeama a bha mu thràth ga fheuchainn air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan ga leudachadh. Tha a' mhòr-chuid de chompanaidhean bhusaichean ann an sgìre na buidhne còmhdhail SPT - seann sgìre comhairle Shrath Chluaidh - air aontachadh a dhol an sàs anns an sgeama. Cha chosg aon turas air aon bhus anns an aon sgìre ach £2 ge b' e dè cho fada 's a bhios e. Ma bhios aig duine ri atharrachadh gu bus eile ge-tà bidh ticead eile ri cheannach. Tha luchd-iomairt ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba an sgeama a leudachadh feadh na dùthcha.
Baile Mhorail
Chuir am Prìomhaire, Andy Burnham, agus a bhean Marie-France van Heel, cuid dhen deireadh-sheachdain seachad an cuideachd an Righ agus na Banrigh aig Caisteal Bhaile Mhorail. Thuirt riochdairean an teaghlaich rìoghail gun robh am Prìomhaire agus an Rìgh air coinneachadh feasgar Disathairne, às dèidh dha Mgr Burnham agus a bhean an caisteal a ruighinn. Dh'fhalbh iad às Là na Sàbaid.
Loidse Cheann Loch
Dh'innis an teaghlach a tha air a bhith a' ruigh Loidse Cheann Loch - Kinloch Lodge - ann an Slèite fad bhliadhnaichean gu bheil an taigh-òsta ga reic aca. Chaidh fhosgladh mar thaigh-òsta le Godfrey agus Clare Dòmhnallach - ceann-cìnnidh Chlann Dòmhnaill agus a bhean - ann an 1972. Thuirt an teaghlach acasan gun deach a ghabhal thairis leis an teaghlach Wickman, aig a bheil taigh-òsta an Cuilin Hills agus taigh-òsta Fhlodigearraidh anns an eilean cuideachd.
Tubaist rathaid
Tha rathad mòr an A82, taobh Loch Nis, dùinte an-dràsta le tubaist rathaid. Thuirt Trafaig Alba gun robh an rathad dùinte aig Allt Suighe, eadar Inbhir Moireasdan agus Druim na Drochaid, agus na poilis an làthair. Dh'iarr iad air draibhearan an sgìre a sheachnadh mar as urrainn dhaibh.