Gaoth coimhearsnachd Leòdhasaich gus cumhachd a chumail ri gàrraidhean Navantia

Riochdairean bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Navantia a' cur ainm ris an aonta.
  • Air fhoillseachadh

Thèid dealan bho thuath-gaoithe coimhearsnachd ann an Leòdhas a chleachdadh airson cumhachd a chumail ri gàrraidhean togail aig a' chompanaidh Navantia air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Chuir Urras an Rubha agus Shanndabhaig agus Navantia ainm ris an aonta ùr gu h-oifigeil madainn Diardaoin, is iad cuideachd gu bhith ag obair ann an co-bhanntachd leis a' bhuidhinn Engie Supply UK.

'S e Beinn Ghrìdeag aig an urras an tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha san Rìoghachd Aonaichte.

Tha e beagan is dà mhìle bho ghàrradh Àranais aig Navantia.

Fon aonta ùr gheibh Àranais agus gàrraidhean Methil ann am Fìobha agus Appledore ann an Devon a Tuath aig Navantia cumhachd bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig.

Thuirt Navantia gu bheil seo a' ciallachadh gu bheil a h-uile làrach a th' aca san Rìoghachd Aonaichte a-nise a' ruith air cumhachd ath-nuadhachail.

Chuir Urras an Rubha agus Shanndabhaig fhèin fàilte air an aonta.

"Tha sinn moiteil às dha-rìribh gum bi na crainn againn a' cumail cumhachd uaine chan ann a-mhàin ri Àranais - ach ri gàrraidhean Navantia bho na h-Eileanan an Iar gu Devon a Tuath," thuirt stiùiriche an urrais, an Dr Calum Dòmhnallach.

"Tha mi an dòchas gu bheil seo a' sealltainn mar as urrainn do chumhachd coimhearsnachd farpais aig àrd-ìre agus gum brosnaich e cuideachd companaidhean coimhearsnachd eile air feadh na Rìoghachd Aonaichte."

Thuirt Ministear Cumhachd Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Mìchael Shanks, gur e fìor dheagh mhodail a tha san aonta eadar Navantia agus Urras an Rubha agus Shanndabhaig.

"S e seo an dòigh-obrach a bu chòir a bhith ann: gaoth às na h-Eileanan an Iar a' cumail cumhachd ri gnìomhachas ann am Breatainn, agus na buannachdan a' sruthadh air ais dha na coimhearsnachdan far an deach an cumhachd sin a chruthachadh."