Bhàsaich fear is chaidh pàiste a leòn an tubaist rathaid faisg air Srath Pheofhair

Uachdar NiadTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Thachair an tubaist an sgìre Uachdar Niad feasgar Dihaoine

  • Air fhoillseachadh

Bhàsaich fireannach agus chaidh pàiste a ghoirteachadh ann an tubaist rathaid faisg air Srath Pheofhair.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu làrach na tubaiste an sgìre Uachdar Niad mu 4:30f Dihaoine.

Dhearbh iad gun robh fireannach air bàsachadh agus chaidh innse do a theaghlach.

Chaidh pàiste a leòn ach chan ann gu dona.

Thuirt Poileas Alba gu bheil iad a' sgrùdadh feuch dè a bu choireach ris na thachair.

Ann an cùis fa leth Disathairne chaidh fear, 22, fhàgail gu math ìosal san ospadal an dèidh droch thubaist faisg air Gairbh.

Thachair an tubaist anns nach robh ach Audi A3 geal an sàs air an A835 aig Loch a' Ghlàis Chàrnaich mu 7:15f.

Chaidh an duine a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis far a bheil luchd-meidigeach ag ràdh gu bheil e an staid èiginneach.

Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh mu gin de na tubaisean seo fios a chur orra.