Draghan mu phlanaichean taigheadais an Inbhir Ghòrdain

- Air fhoillseachadh
Tha buaireadh a' leantainn ann an Inbhir Ghòrdain mu phlanaichean airson 66 taigh a thogail ann an coille sa bhaile.
Tha cruaidh fheum air taighean a bharrachd san sgìre ach tha cuid sa choimhearsnachd mì-thoilichte mun làrach a chaidh a thaghadh airson an leasachaidh seo.
Tha an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann air cead a thoirt dha a dhol air adhart ach chan eil fhios fhathast cuin a thòisicheas an obair-togail.

Stèidhich Richard Cross 'Save Our Greenspace'
Chaidh a' bhuidheann-iomairt 'Save Our Greenspace' a stèidheachadh airson strì a dhèanamh gus stad a chur air an obair-togail air adhbharan slàinte-inntinn agus bith-iomadachd.
'S e Richard Cross a stèidhich i agus tha e ag ràdh gun robh còrr is 100 neach an làthair aig coinneamh phoblach a chùm iad agus gun robh a' mhòr-chuid an aghaidh nam planaichean.
"Tha làraichean eile ann an Inbhir Ghòrdain a ghabhadh an cleachdadh," thuirt e.
"Bho shealladh poileasaidh, bu chòir do raointean donna a bhith nam prìomhachas agus tha gu leòr dhuibh sin ann.
"Cha bu chòir coimhead air raointean uaine ach mura bi roghainn sam bith eile ann.
"Chan ann mar seo a chaidh a' chùis seo a làimhseachadh - chaidh leum air an raon uaine sa bhad."

Tha sgaradh bheachd air nochdadh sa choimhearsnachd le glèidhteachas na phrìomhachas do chuid agus taigheadas na phrìomhachas do dh'fheadhainn eile.
Tha Port Chrombaidh san sgìre agus saor-phort a tha a' toirt faochadh bho chìsean - a' ciallachadh gu bheil iarrtas ann airson luchd-obrach.
Thuirt Alison NicUilleim bhon t-saor-phort: "Tha Inbhir Ghòrdain riatanach sa chothrom a th' againn gnothachasan a thàladh.
"Leis a sin, feumaidh daoine a bhith san sgìre mu thimcheall agus feumaidh taigheadas a bhith ann airson taic a chumail ri luchd-obrach."

Do chuid eile, tha dìon na bith-iomadachd sa choile a cheart cho cudromach agus tha dragh orra mun bhuaidh a bheireadh obair-togail air an sin.
A rèir Susanne Cross bho 'Save Our Greenspace', chan e craobhan a bhios air an leagail an aon thrioblaid a bhiodh an lùib an leasachaidh.
"Tha seo mu dheidhinn an sgrios a dhèidheadh a dhèanamh air an talamh agus air na siostaman eag-eòlasach a tha a' cumail taic ris a' choille air fad," thuirt i.
"Chan eil dòigh air thalamh gun urrainn dhan choille a bhith fallain ma thèid seo air adhart."
Thuirt Comhairle na Gaidhealtachd gun robh am plana ag amas air dùbhlain a thaobh taigheadais anns an sgìre agus gun robh obair ga dèanamh airson grunn bhliadhnaichean.
Chuir iad ris an sin gun tigeadh leasachadh an dà chuid a thaobh taigheadais agus slighean-coiseachd tron phlana agus gun robh dùil gun tigeadh obair air gu crìch as t-samhradh ann an 2028.
Tuilleadh mun sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 Am Màrt 2024

- Air fhoillseachadh26 An Cèitean 2022
