Boireannach air bàsachadh às dèidh tubaist le làraidh an Inbhir Nis

Dealbh den làrach air Sràid na h-Acadamaidh madainn Diardaoin, le càraichean poilis ann is teip a' cumail a' phobaill air ais.
  • Air fhoillseachadh

Tha boireannach, 92 bliadhna a dh'aois, air bàsachadh an dèidh do làraidh bualadh innte agus i a' coiseachd ann an Inbhir Nis air Diardaoin an 29mh den Dàmhair.

Chaidh na poilis, ambaileans agus an t-seirbheis smàlaidh a ghairm gu Sràid na h-Acadamaidh mu 9.50m.

Bhàsaich am boireannach aig làrach na tubaist.

Bha Sràid na h-Acadamaidh dùinte timcheall air seachd uairean a thìde fhad 's a bha na poilis a' rannsachadh na cùis.

Chaidh an rathad fhosgladh às ùr mu 5.00f.

Thuirt Poileas Alba gu bheil rannsachadh a' leantainn gus dèanamh a-mach dè dìreach a thachair agus tha iad ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh a thighinn thuca.