Dragh gun tèid bochdainn-connaidh am miosad sna h-Eileanan an Iar

- Air fhoillseachadh
Tha a' bhuidheann Tighean Innse Gall a' toirt rabhadh gum faodadh gum bi bochdainn-connaidh na thrioblaid nas motha sna h-Eileanan an Iar air a' gheamhradh seo.
Tha seo an dèidh dhaibh foillseachadh gun d' fhuair còrr air 1,300 dachaigh sna h-Eileanan an Iar buannachd à sgeama a bha iad a' ruith a thug taic agus comhairle dhaibhsan a tha a' strì le cosgaisean cumhachd agus taighean a chumail blàth.
Tha Hub Taic Cumhachd Innse Gall air taic luach £800,000 a thoirt seachad on a thòisich an sgeama bho chionn dà bhliadhna.
Thuirt Ciorstaidh NicLeòid, Manadsair Comhairleachaidh Cumhachd aig TIG: "Air cùl nam figearan seo tha daoine agus teaghlaichean a tha a' strì, gun àite eile dhan rachadh iad.
"Tha an taic a thug sinn seachad tron phròiseact air daoine a chuideachadh an taic air a bheil iad airidh fhaighinn, trioblaidean a rèiteach agus misneachd a thoirt dhaibh dèiligeadh ris na feumalachdan cumhachd aca.
Am measg na fhuair taic bhuapa bha fear nach b' urrainn an taigh aige a theasachadh airson còrr is dà mhìos an dèidh dha a bhith tinn agus gun chomas a bhith ag obair.
'S e bhith a' cuideachadh dhaoine tagradh a dhèanamh airson nan sochairean air a bheil iad airidh agus a' cuideachadh feadhainn ann am fiachan cuid dhen obair sin.
Bochdainn connaidh as miosa an Alba sna h-Eileanan Siar?
- Air fhoillseachadh18 An t-Ògmhios 2024
Bochdainn connaidh bitheanta air an Taobh Siar
- Air fhoillseachadh1 An Cèitean 2024
Tha TIG ag ràdh gu bheil cuid sna h-Eileanan an Iar a' fulang bochdainn connaidh cho dona 's a tha an Alba.
Sheall rannsachadh a rinn iad am measg 300 dachaigh a fhuair taic an-uiridh gun robh 83% am bochdainn connaidh agus gun robh an còrr an cunnart gun tachradh sin.
Bha dachaighean a fhuair taic le teachd a-steach £17,344 sa bhliadhna sa chumantas agus cosgaisean teasachaidh de mu £2,378 sa chumantas sa bhliadhna.
Tha Ciorstaidh NicLeòid ag ràdh gur e "deagh naidheachd" gun d' fhuair iad maoineachadh ùr airson an sgeama a chumail a' dol.
Tha dragh orra nach eil an trioblaid ach a' dol nas miosa do chuid agus i ag ràdh gu bheil "barrachd is barrachd a' tighinn airson cuideachadh".
"Tha prìs an dealain agus prìs na h-ola a' dol suas, mar sin a tha sinn toilichte gum faigh sinn air barrachd dhaoine a chuideachadh tro na bliadhnaichean a tha a' tighinn," thuirt i.