Fèis an Eilein Duirche a' comharrachadh 10 bliadhna on thòisich i

Tha na Vatersay Girls a' nochdadh aig EDF airson a' chiad uair
- Air fhoillseachadh
Tha Fèis Chiùil an Eilean Duirche a' tòiseachadh an-diugh ann am Beinn na Faoghla.
Seo an deicheamh bliadhna dhen fhèis agus tha na mìltean air a frithealadh 's na ceudan de luchd-ciùil air nochdadh aice bho thòisich i.
Ghabh an luchd-stiùridh ceum mòr air thoiseach air fèis na bliadhna.
Airson a' chiad uair 's ann leotha fhèin an tha an teanta mhòr anns am bi luchd-frithealaidh a' cruinneachadh.
Tha iad gu math riaraichte leatha a rèir stiùiriche EDF, Iain MacRuairidh.
Thuirt e: "Tha i a' dèanamh a h-uile sìon a tha sinn ag iarraidh.
"Tha i mòr gu leòr agus tha mi a' smaoineachadh gum bi daoine toilichte a' faicinn."
Tha teanta eile aca am-bliadhna agus Ceòlas gu bhith còmhla riutha nam com-pàirtichean.

'S ann leis an fhèis a tha an teanta mhòr am-bliadhna
'S e Norrie MacÌomhair agus a chòmhlan a chuireas cùisean a dhol air a' phrìomh àrd-ùrlar oidhche Dhiardaoin.
Cuideachd a' cluich air a' chiad latha bidh Elephant Sessions, Project Smok agus GBX.
Nochdaidh luchd-ciùil ionadail leithid Còmhlan Pìoba Sgoil Lìonacleit agus na Vatersay Girls, a th' aig an fhèis airson a' chiad uair, air àrd-ùrlar Cheòlais.
Chan eil ach ceithir seachdainean bho thòisich iad mar chòmhlan.
Disathairne, chìthear Skerryvore, na Tumbling Paddies, Torridon agus an còmhlan Uibhisteach Beinn Lee.
Anns an teanta eile bidh tàlant eileanach gu leòr ri cHluinntinn leithid Eabhal, Emma 'Scaplaigh' Nicleòid, Isla Scott agus òigridh Cheòlais.

Do dh'Iain, tha na bliadhnaichean mu dheireadh air a dhol seachad ann am priobadh na sùla.
"Tha e gu math doirbh smaoineachadh gur e 10 bliadhna a th' ann," thuirt e.
"Tha na bliadhnaichean air falbh cho luath. Tha sinn toilichte gur e 10 bliadhna a th' ann.
"Dh'fhàs e nas fheàrr a h-uile bliadhna 's dh'fhàs e nas motha a h-uile bliadhna."
Tuilleadh mun sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An t-Iuchar 2016
- Air fhoillseachadh27 An t-Iuchar 2019