Bhòtaichean na h-Alba gan cunntadh

Bhòtaichean Bharraigh a' tòiseachadh air an t-slighe gu Steòrnabhagh a-raoir
Fo-thiotal an deilbh,

Bhòtaichean Bharraigh a' tòiseachadh air an t-slighe gu Steòrnabhagh a-raoir

  • Air fhoillseachadh

Thèid bhòtaichean taghadh Pàrlamaid na h-Alba a chunntadh tron là an-diugh airson dèanamh a-mach cò bhios anns an ath phàrlamaid.

Dhùin na h-ionadan bhòtaidh air feadh na dùthcha aig 10:00f a-raoir, agus seach a bhith gan cunntadh tron oidhche, gheibhear buil an taghaidh toradh an dèidh toraidh tron là.

Tha 129 seat ann am Pàrlamaid na h-Alba. An lùib sin tha 73 ball roinneil agus 56 ball sgìreil - sin seachdnar anns gach sgìre.

Tha cuid de roinnean air atharrachadh bhon taghadh mu dheireadh ann an 2021.

Bidh BBC Naidheachdan a' cumail fiosrachaidh ribh le duilleig bheò an seo fhèin fad an là an-diugh bho 09:45m.

Cuideachd, bidh BBC Radio nan Gàidheal a' craoladh prògram An Taghadh beò eadar 10:00m agus 6:00f mar a thig na toraidhean a-steach, le beachdachadh is cnuasachadh mu bhuaidh nan toraidhean.

'Son a' chiad uair, chì sibh dealbhan beò bhon phrògram radio aig mullach na duilleige beò againn air-loidhne.

Tha Dòmhnall Angaidh Moireasdan agus an sgioba gu bhith còmhla ribh an uairsin le An Taghadh air BBC ALBA eadar 7f-8f.

Disathairne, tha Ruairidh A MacIllinnein gu bhith còmhla ribh a-rithist air BBC Radio nan Gàidheal aig 12f le na naidheachdan as ùire a thaobh cruth na Pàrlamaid ùire agus tha dùil aig sgioba air-loidhne BBC Naidheachdan a bhith a' toirt thugaibh gach nì le duilleig bheò eile bho 11:00m.