Ath-chuinge mu sheirbhisean màthaireil Ghallaibh
Bheir luchd-iomairt ann an Gallaibh a tha ag iarraidh seirbheis mhàthaireil nas fheàrr san sgìre ath-chuinge le còrr 's 5000 ainm do Rùnaire na Slàinte an ath-sheachdain.
Tha mì-thoileachas mòr ann bho thàinig lùghdachadh air an t-seirbheis.
Feumaidh boireanaich aig a bheil dùil ri leanabh an t-slighe a dhèanamh a dh'ospadal an Rathaig Mhòir - astar de chòrr 's 100 mìle.
Tha a' bhuidhean-strì a-nis air iomairt a chur a bhonn air a bheil 'Mooternity', is iad ag ràdh gu bheil riaghailtean nas teanna ann airson mart a tha gus breith a ghluasad na tha airson boireanaich a tha an dùil ri leanabh.
Fhuair Dòmhnall Pollock beachd bho Chairistiona Stone a tha a' fuireach ann an Gallaibh.