Naidheachdan 10:00m
Màthaireil
Thuirt Rùnaire ùr na Slàinte, Angela Constance, gum bu chòir do na bùird-slàinte uile sùil a thoirt air an sgrùdadh a rinn Leasachadh Cùram Slàinte na h-Alba air aonad màthaireil Ospadal Oilthigh na Banrighin Ealasaid an Glaschu. Fhuair iad gu bheil luchd-obrach a' faireachdainn gu bheil gnothaichean mì-shàbhailte agus cunnartach 's tha iad air 26 moladh a dhèanamh. Thuirt Bòrd Slàinte Mòr-Sgìre Ghlaschu is Chluaidh gu bheil an obair air tòiseachdainn feuch dèiligeadh ri na chaidh a thogail.
Henry Nowak
Chaidh dithis fhireannach a chur fo chasaid an co-cheangal ris an aimhreit aig togail fianais ann an Southampton oidhche Mhàirt mun dòigh anns an do dhèilig na poilis ri murt an deugaire Henry Nowak. Chaidh Matt Styler, 50, a chur fo chasaid gun tug e ionnsaigh air oifigear poilis, 's chaidh Daniel Frost, 44, a chur fo chasaid gun robh e ri dol a-mach fòirneartach 's gun robh uidheamachd chunnartach aige. Tha dùil ris an dithis sa chùirt madainn an-diugh.
Lebanon
Thuirt ministear dìon Israel gun lean iad orra le iomairtean talmhainn san Lebanon, a dh'aindeoin 's gun do dh'innis Washington gun deach ùrachadh a dhèanamh air an fhosadh eatorra. Thuirt Israel Katz gun robh saorsa aig an IDF an rud a thogras iad a dhèanamh - le taic nan Stàitean Aonaichte. Tha aig Hezbollah, nach robh an sàs anns na còmhraidhean, ri sguir a bhith a' toirt ionnsaigh air Israel agus an cuid feachdan a tharraing bho cheann an deas an Lebanon mar phàirt den aonta a chaidh a ruighinn.
Steven Lyons
Tha fear den fheadhainn as àirde dreuchd ann an saoghal gang na h-Alba a' dol a chur an aghaidh an iarrtais gun tèid a chur bhon Òlaind chun na Spàinne airson cùis-lagh. Chaidh Steven Lyons a chur an greim ann am Bali sa Mhàirt, 's chaidh a chur às an sin chun na h-Òlaind far a bheil dùil ris sa chùirt an-diugh fhathast. Tha dùil ri riaghladh air an 18mh den mhìos.
Sgìrean Cànain Sònraichte
Thèid co-chomhairleachadh poblach a chumail mu phlanaichean Comhairle na Gàidhealtachd gus an sgìre gu lèir a chomharrachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte. Tha iad ag ràdh gum bi sùbailteachd ann a thaobh feumalachdan nan diofar choimhearsnachdan taobh a-staigh na sgìre, 's gun leig an co-chomhairleachadh le muinntir na Gàidhealtachd am barail a thoirt seachad.