Ceann an rathaid: Steve Clarke air fàgail

Chan eil an stuth seo ri fhaighinn san sgìre agaibh.

Dh'èirich mearachd

Oidhche chaochlaideach eile a bh'ann do sgioba naiseanta na h-Alba an raoir. An toiseach, Croatia a' deanamh a chùis air Ghana, geama eile a chaidh an aghaidh sgioba na h-Alba agus a dhearbh gu bheil iad a-nise air an slighe dhachaidh.

Thàinig an crith-thalmhainn direach beagan mhionaidean às dèidh sin ge ta.

Sin, gun robh Steve Clarke – an coidse as soirbheachail a-riamh aig Alba, a thuilleadh air an coidse leis an aireamh gheamannan as motha fo-stiùir – air a dhreuchd a leigeal seachad.

Tha sgioba a' BhBC anns na Stàitean Aonaichte a' tuigsinn gun deach innse do na cluicheadairean nas lugha na leth-uair a thìde mus deach an naidheachd a sgaoileadh gu poblach, le Clarke agus an sgioba fhathast ann an Charlotte far an robhar steidhichte tro Chupa na Cruinne.

Chan eil ach mìos ann bho chuir Clarke ainm ri cùmhnant ùr a chumadh san obair e ceithir bliadhna eile. A-nise feumaidh Comann Ball-coise na h-Alba cuideigin eile a' lorg gus am beàrn sin a' lìonadh – rud nach bi sìmplidh, no furasta.

Tha co-dhùnadh Clarke a' tighinn as dèidh iomairt a bha na bhriseadh dùil aig Cupa na Cruinne – a chiad turas a tha sgioba nam fear air a bhith an sàs san fharpais bho 1998.

Rinn Alba a chùis air Haiti 1-0 anns a‘ chiad gheama aca, mus do chaill iad 1-0 ri Morocco. Bha dòchas air a bhith ann gum bìodh trì puingean gu leòr gus an cumail san fharpais, cho fad's gum bìodh an sgarradh thadhail aca faisg air neoini.

Chuir Brasil às dhe'n dòchas sin, a‘ buannachadh 3-0. Le mar a tha na geamannan air a' dhol bho'n uairsin ge ta, bhìodh iad air a bhith feumach air puing bho Bhrasil gus adhartas a dhèanamh a-mach às a bhuidheann airson a‘ chiad turas riamh.

Ann an litir-fhosgailte chun an luchd-taic, rinn Steve Clarke moladh air na cluicheadairean.

"Às an aonais, cha bhìodh gin de na cuimhneachain eadar 2019 agus an dràsda air a bhith againn. "

"Tha iad airidh air gach moladh, agus bha e na urram a bhith os an cionn."

Thug e taing cuideachd airson an ùine aige san obair, a thuilleadh air deagh fhortan a ghuidhe air ge-bì cò a gheibheas an obair as a dhèidh.

Tha còrr air seachd bliadhna ann bho ghabh Clarke an stiùir air sgioba nàiseanta na h-Alba. San ùine sin, tha e air Alba a' thoirt gu dà fharpais Eòrpach, agus air ais gu Cupa na Cruinne. Ràinig e trì a-mach à ceithir farpaisean air an do dh'fheuch iad ruighinn na ùine aig an stiùir.

'S è cuideachd an duine leis an àireamh as motha de gheamannan mar àrd-choidse na h-Alba. Ràinig e 81 geama nuair a chluich an sgioba Brasil – deich a' bharrachd air Craig Brown nach maireann.

A dh'aindeoin an soirbheas sin ge-ta, bha càineadh na chois. Ged a ràinig Alba trì farpaisean mòra, 's beag a bhuaidh a bh'aca unnda. A-mach à naoi geamannan, cha do bhuannaich Alba ach aonan dhiubh. Cha do chuir iad ach ceithir tadhail anns na geamannan sin cuideachd.

Le Cupa na Cruinne nas motha am bliadhna, a thuilleadh air sgioba cho làidir sa tha air a bhith aig Alba an iomadach bliadhna, bha dòchas ann gun sealladh an sgioba na bha comasach dhaibh air an àrd-ùrlair as motha. Tha mòran air na Stàitean Aonaichte fhàgail a' faireachdainn nach fhacas càil coltach ris.

Chan eil teagamh ann gu bheil an sguad anns an fharsuingeachd air adhartas a dheanamh ge ta. Tha mòran de na cluicheadairean a-nise air còrr air 50 geama a chluiche gu h-eadar nàiseanta. Tha cuideachd measgachadh de eòlais ann, le cluicheadairean òg tàlantach a' leithid Ben Gannon-Doak agus Findlay Curtis air cothroman fhaighinn bho chionn ghoirid.

"Ged a tha sinn tàmailteach mu bhith fàgail Cupa na Cruinne aig ìre nam buidheannan, cha dèan math dhuinn diochuimhneachadh an adhartas mòr a th'air tighinn anns na seachd bliadhnaichean fo stiùir Steve Clarke," thuirt Àrd-oifigear Comann Ball-coise na h-Alba Ian Maxwell.

"Tha fios againn nuair a gheibh sinn seachad air am briseadh dùil ann a bhith a' fàgail Cupa na Cruinne, gum bi an luchd-taic taingeil airson na cuimhneachain an luib tilleadh gu farpaisean mhòra uair eile."

'S e a cheist a-nise air cò a-thèid a chuir na àite, agus dè am feallsanachd a bhìos aca? Tha iomairt ùr ann an Lìog nan Nàiseanan a' tòiseachadh san t-Sultain, le sin tha co-dhùnaidhean cudromach ri'n gabhail le Comann Ball-coise na h-Alba, agus ann an cabhag.