Naidheachdan 10:00m

Dìon

Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais, Peadair Kyle, nach deach crìoch a chur air planaichean dìon an riaghaltais fhathast. Tha seo a' tighinn agus sreath de dhaoine air an dreuchdan fhàgail air sgàth 's eas-aonta mu mhaoineachadh dha na feachdan armaichte. Thuirt Mgr Kyle gu bheil an t-uamhas airgid ga chosg air teàrainteachd nàiseanta. An-dè dh'fhàg Rùnaire an Dìon, John Healey, agus Ministear nam Feachan Armaichte, Al Carns, an dreuchdan.

An Ear-Mheadhanach

Dhearbh Iran nach eil iad air co-dhùnadh a ruighinn air aonta leis na Stàitean Aonaichte. Sin agus an Ceann-suidhe Trump air a ràdh gum faodar a thighinn gu aonta cho tràth ris an deireadh-sheachdain. Thuirt Iran gu bheilear a' coimhead air na molaidhean ach nach gluais iad cuid de na loidhnichean dearg aca.

Seirbheisean màthaireil

Chuir luchd-iomairt ann an Gallaibh fàilte air ath-sgrùdadh neo-eisimeileach air seirbheisean màthaireil ann an Alba. Sin agus iad ag ràdh gu bheil e riatanach gum bi aonad san sgìre le àrd-dhotair aig an stiùir. Tha am BPA Daibhidh Green air ìmpidh a chur air rùnaire a' chaibineit dèanamh cinnteach gun coinnich cathraiche an ath-sgrùdaidh ri Buidheann Gnìomh Slàinte Ghallaibh. An-dràsta, tha a' mhòr-chuid de bhoireannaich a tha trom a' siubhal còrr is 100 mìle gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

GDP

Dh'aidich an Seansalair Rachel Reeves gu bheil an cogadh san Ear-Mheadhanach a' toirt buaidh air eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte. Sin agus lùghdachadh de 0.1% air a thighinn air an eaconomaidh sa Ghiblean. Thuirt an seansalair ge-tà, gu bheil na co-dhùnaidhean aice-se a' ciallachadh gu bheil an dùthaich nas ullaichte airson dèiligeadh ri buaidh a' chogaidh.

Loganair

Dh'iarr Loganair tuilleadh maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba gus seirbheisean adhair dha na h-Eileanan Siar 's na h-Eileanan mu Thuath a dhìon. Thèid seirbheisean eadar Inbhir Nis agus Steòrnabhagh, Kirkwall agus Sumburgh a lùghdachadh bhon ath-mhìos. Tha Rùnaire na Còmhdhail, Stephen Flynn, ag iarraidh air Loganair agus HIAL obrachadh còmhla airson seirbheisean a chumail mar a tha iad.