Naidheachdan 10:00m
Southampton
Tha Rùnaire na Dùthcha air càineadh a dhèanamh air an aimhreit ann an Southampton fhad 's a bha togail fianais a' dol mun dòigh anns an do dhèilig na poilis ri muirt Henry Nowak. Chaidh dithis a chur an greim an co-cheangal ri na thachair a-raoir. Thuirt Shabanna Mahmood nach gabhadh i idir ri bhith a' cleachdadh na cùis uabhais airson a bhith ri fòirneart is buaireadh.
Sgrùdadh
Aig a' cheart àm tha ceannardan poilis ag ràdh gu bheil iad a' dol a dhèanamh sgrùdaidh air an stiùireadh a th' aca mu bhith a' dèiligeadh ri mion-shluaghan às dèidh na thachair do Mhgr Nowak. Chaidh a chur an greim às dèidh dha a bhith air a shàthadh, leis gun do dh'innis an duine a thug ionnsaigh air breug do na poilis, 's e ag ràdh gun robh esan air gràinn-cinnidh fhulang.
Eaconamaidh
Tha dùil ri fàs a bharrachd air eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte am-bliadhna agus a bhathas an dùil an toiseach. Thuirt an OECD gum bi i aig 0.9% an taca ri 0.7% mar a bhathas a' sùileachadh sa Mhàrt. Tha sin nas lugha ge-tà, na 1.4% mar a bh' oirre an-uiridh.
Iran
Tha Kuwait ag ràdh gun deach ionnsaigh Iranianach a thoirt air a' phort-adhair eadar-nàiseanta aca a rinn milleadh air goireasan agus a dh'fhàg daoine air an goirteachadh. Chaidh cuid de sheirbheisean-adhair a chur dheth no chaidh an cur a dh'àite eile air a shàilleabh. Tha na Stàitean Aonaichte agus Iran air a bhith ri ionnsaighean a dh'aindeoin an fhosaidh a th' ann eatorra.
Loganair
Tha lùghdachadh ga thoirt air seirbheisean-adhair Loganair bho Inbhir Nis gu ruige Steòrnabhagh, Arcaibh is Sealltainn bhon ath-mhìos. Thuirt a' chompanaidh adhair gu bheil iad air a bhith a' call airgid air na seirbheisean eileanach fad còig no sia bliadhna. Tha HIAL ag ràdh gu bheil iad air taic a thabhainn air Loganair, ach nach fhaod e bhith ro chosgail dhaibhsan air sàilleabh an uallaich a th' air buidhnean poblach a thaobh ionmhais.
SCS
Tha comhairlichean Gàidhealach gu bhith a' deasbad plana an-diugh fhathast gus Sgìre Cànain Shònraichte a stèidheachadh san sgìre gu lèir. Tha aithisg a thèid air beulaibh Comataidh Gàidhlig an ùghdarrais ag ràdh gum bi sùbailteachd ann a thaobh feumalachdan nan coimhearsnachdan taobh a-staigh na sgìre. Tha a' bhuidheann iomairt Misneachd a' cur an aghaidh a' phlana ge-tà, agus iadsan ag ràdh nach dèan e sgath feum san t-seagh a tha sin.