Naidheachdan 10:00m
Prìomh Mhinistear
Bidh buill den Phàrlamaid Albannaich a' bhòtadh an-diugh air cò an ath Phrìomh Mhinistear a bhios air an dùthaich. Mura tachair rud iongantach, 's e Iain Swinney, ceannard an SNP, a thèid ainmeachadh anns an dreuchd a-rithist. Gabhaidh e na bòidean oifis aige a-màireach agus an uairsin bidh aige ri caibineat ùr a thaghadh.
Eucoir eagraichte
Cosgaidh an riaghaltas £30m airson bùithtean air an àrd-shràid aig a bheil ceangalaichean ri eucoir eagraichte a thargaideachadh. Thèid a' mhòr-chuid den airgead a chosg air buidheann ùr a chur air bhonn airson dèiligeadh ri bùithtean a tha a' reic tombaca mì-laghail, drugaichean is vapaichean agus aig a bheil ceangal ri eucoirean feiseil is inimreachas mì-laghail.
Ebola
Tha co-dhiù 131 duine air bàsachadh le Ebola ann am Poblachd Dheamocratach a' Chongo. Tha dùil gu bheil an galar air còrr air 513 eile, a rèir oifigich. Thuirt neach-labhairt an riaghaltais anns an dùthaich gun robh iad a' faicinn chùisean ann an sgìre nas fharsainge. Chaidh dà chùis a dhearbhadh ann an Uganda agus chaochail aon neach an sin leis. Thuirt Buidheann Slàinte na Cruinne gur e suidheachadh èiginneach eadar-nàiseanta a th' anns an sgapadh seo.
Cion-cosnaidh
Dh'àrdaich an àireamh aig nach eil cosnadh anns an Rìoghachd Aonaichte gu 5% anns na trì mìosan chun a' Mhàirt. Sin suas o 4.9% anns na trì mìosan chun a' Ghearrain. Chaidh an àireamh suas ann an Alba cuideachd, gu 4.4%
Muileann MhicCoinnich
Tha Muileann Sticky no Muileann MhicChoinnich ann an Steòrnabhagh a' comharrachadh 120 bliadhna an t-seachdain seo bho chaidh a stèidheachadh. 'S e a' mhuileann as sine a tha fhathast a' dol agus iad a' dèanamh Clò Hearach. Tha an ìre mhath 40 neach ag obair dhaibh a thuilleadh air còrr air 50 breabadair a bhios a' fighe air an ceann fhèin. Tha taisbeanadh gu bhith ann an Caisteal Leòdhais a-nochd a' comharrachadh na h-eachdraidh aca. Thèid cuideachd taisbeanadh an uairsin a dhèanamh ann an Glaschu ann an taigh-òsta an sin fad mhìosan an t-samhraidh. Tha seo mar phàirt de chruinneachadh leis an dealbhadair Siobhan NicCoinnich.
Gràineagan
Tha rannsaichean ann an Cambridge air teicneòlas a chleachdadh airson dèiligeadh ri mar a tha an àireamh ghràineagan ann am Breatainn a' crìonadh. Tha iad a' cleachdadh ìomhaighean saideil, modailean AI agus digihogs - sin gràineagan air a bheil innealan GPS. Tha sin uile a' ciallachadh gun d' fhuair iad air mapaichean a chruthachadh air a bheil àrainneachdan nan gràineagan fhathast agus dealbh coileanta air far a bheil iad a' dol à sealladh.