Barrachd uan gan call ri iolairean-mara na riamh roimhe
Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba airson is gun dèan Riaghaltas na h-Alba barrachd gus smachd a chumail air iolairean-mara.
Thuirt a' bhuidheann nach robh na h-àireamhan riamh cho àrd agus gur iad a tha air cùl bàis a' chuid as motha de dh'uain fallain ann an tòrr sgìrean.
Thuirt an riaghaltas gu bheil iad air tuilleadh airgid a chur a-steach gu sgeama 'son smachd a chumail air na h-iòlairean-mara agus gu bheil Nàdar Alba ag obair le croitearan gus buaidh nan eun a lùghdachadh.
Tha tuilleadh aig Eilidh NicÌomhair.