Muileann MhicCoinnich a' soirbheachadh

  • Air fhoillseachadh
Clò Mòr

Tha a h-uile coltas gur e bliadhna eachdraidheil agus shoirbheachail a th' air a bhith aig Muileann Chlò MhicCoinnich ann an Steòrnabhagh.

Thug am fear leis an robh a' mhuileann, Brian Haggas, seachad i san Lùnastal, agus e ag ràdh gur ann le muinntir nan eilean fhèin a bu chòir an gnìomhachas a bhith.

Agus bhon uairsin tha na pàtranan clò air leudachadh agus tha barrachd luchd-obrach aca.

"Tha sinn gu math toilichte le mar a tha cùisean a' dol air adhart," thuirt àrd-stiùriche na muilne, Ailig Lockerby.

Pàtrannan

"Tha sinn a' creic timcheall air 80 clò san t-seachdain, air feadh an t-saoghail - a' Ghearmailt, an rìoghachd seo fhèin a' ceannach gu leòr dheth, Sìona, 's Iapan, 's Coirea. Air feadh an t-saoghail.

"Bho fhuair sinn fhìn smachd air a h-uile càil a th' ann tha pàtrannan ùra againn gan dèanamh.

"Tha sinn a' leudachadh na tha sinn a' dèanamh de phàtrannan, 's tha sinn a' smaoineachadh gun creic sinn barrachd dubh, aodach bhoireannach, le mar a tha sinn a' cleachdadh nan dathan a-nis.

"Tha timcheall air 30 pàtran againn a-nis.

"Tha 30 duine ag obair an seo an-dràsta. 'S dòcha gum bi duine no dithis a bharrachd ann anns a' bhliadhna ùir," thuirt e.

Tha obair margaidheachd a' chlò a-nis ga dhèanamh à Steòrnabhagh fhèin, agus tha Mgr Lockerby ag ràdh gu bheil sin a' soirbheachadh gu mòr.

"Tha sin a' dol math dha-rìribh," thuirt e.

"Tha sinn an-àirde air far an robh sinn mun àm seo an-uiridh, agus 's e an sgioba mhargaidheachd an seo fhèin a tha a' dèanamh an adhartais a tha sin," thuirt e.

Co-dhùnaidhean

'S e an t-atharrachadh as motha ge-tà, gur ann anns na h-eileanan fhèin a tha co-dhùnaidhean na companaidh gan dèanamh.

"Chan eil sinn a' feitheamh ri fiosrachadh a' tighinn à àiteachan eile airson innse dhuinn dè nì sinn," thuirt Mgr Lockerby.

"Tha sinn fhìn a' dèanamh an-àirde ar n-inntinn dè tha sinn a' dol a dhèanamh - tha sinn nas comasaich air atharrachadh mu choinneimh na tha an luchd-ceannaich ag iarraidh oirnn," thuirt e.

Tha mòran de mhargaidh a' chlò ann am Breatainn fhèin, agus mar sin dheth chan eil na tha sin de dhragh air a' ghnìomhachas mu na dh'fhaodadh tighinn an lùib Bhrexit.

"'S e companaidhean anns an rìoghachd seo a tha a' ceannach tòrr den chlò, ged a tha iad ga chur fada is farsainn airson aodach a dhèanamh dheth.

"'S ann as motha ris an rìoghachd seo fhèin a tha sinn ga chreic," thuirt Mgr Lockerby.