Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,19 Apr 2026,30 mins

còmhla ris an Urr. Dòmhnall Iain Moireasdan

Dèanamaid Adhradh

Available for 29 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 95: 1-2 air fonn Montrose agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chroisboist Salm 36: 7-8 air fonn London New agus 's e Ailean Guine le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chaoil a tha os cionn na seinn Salm 89: 15-16 air fonn Stornoway agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an t-Òib. Leughadh: Lucas 14: 15- 24 Ceann-teagaisg: Lucas 14: 16 Tha Mgr Moireasdan a' fuireach ann an Caolas Sgalpaigh anns na Hearadh, agus bha e na mhinistear-cuideachaidh ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Thug e a-mach an dreuchd sin an dèidh dha a dhreuchd mar mhaighstir-sgoile a leigeil dheth ann an 1996, a' mhòr-chuid dheth mar Cheannard air Sgoil Sgalpaigh. Ged a tha e a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth gu h-oifigeil bhon mhinistrealachd, tha e fhathast a’ gabhail sheirbhisean ann an coitheanal an Tairbeirt agus ann an àite sam bith far a bheil feum air.

Programme Website
More episodes