Main content

còmhla ris an Urr. Dòmhnall Iain Moireasdan

Còmhla ris an Urr. Dòmhnall I Moireasdan, ministear-cuideachaidh Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Service with Rev D J Morrison, Assistant Minister, Tarbert Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 95: 1-2 air fonn Montrose agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chroisboist
Salm 36: 7-8 air fonn London New agus 's e Ailean Guine le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chaoil a tha os cionn na seinn
Salm 89: 15-16 air fonn Stornoway agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an t-Òib.

Leughadh:
Lucas 14: 15- 24

Ceann-teagaisg:
Lucas 14: 16

Tha Mgr Moireasdan a' fuireach ann an Caolas Sgalpaigh anns na Hearadh, agus bha e na mhinistear-cuideachaidh ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Thug e a-mach an dreuchd sin an dèidh dha a dhreuchd mar mhaighstir-sgoile a leigeil dheth ann an 1996, a' mhòr-chuid dheth mar Cheannard air Sgoil Sgalpaigh. Ged a tha e a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth gu h-oifigeil bhon mhinistrealachd, tha e fhathast a’ gabhail sheirbhisean ann an coitheanal an Tairbeirt agus ann an àite sam bith far a bheil feum air.

30 days left to listen

30 minutes

On radio

Today15:00

Broadcasts

  • Today09:00
  • Today15:00