Live now on Radio nan Gàidheal
Radio nan Gàidheal

LIVE,12:00 - 13:30
UP NEXT: 13:30 - 15:30Caithream CiùilCeòl Ceilteach agus fiosrachadh air na tha dol agaibhse.
15:30 - 16:00SpòrscastDòmhnall Angaidh, Coinneach & Dòmhnall a' còmhradh mu bhall-coise Leòdhais is Na Hearadh.
Thèid an àireamh as àirde de bhàrdachd a reic air a’ bhliadhna-sa na chaidh a chlàradh a-riamh roimhe, agus thathas ga chuir sìos gu buaidh fhilmichean leithid The Odyssey. Tha mòran a' tionndadh gu cànan na bàrdachd aig amannan sònraichte nam beatha far nach eil na dòighean cumanta air sgrìobhadh neo labhairt gan sàsachadh. Dè th’ann mu bhàrdachd a tha ga dèanamh cho tarraingeach, agus cho buntainneach dhuinn aig àmannan duilich agus toilichte nar beatha? Tha Emma a' cluinntinn bho dhithis a tha gu mòr a' sàs ann an obair bhàrdachd. Tha Jimi Famurewa, sgrùdaire thaighean-bìdh, air siubhal gu àiteachan bìdh air feadh na dùthcha a tha a’ toirt seann reasabaidhean beò a-rithist. Chan eil mòran againn nach eil a' cleachdadh reasabaidh neo dhà a fhuair sinn bho màthair neo seanmhair, neo a thàinig sìos 's an teaghlach tro na ginealachan. Tha dithis còmhla rithe Emma, a tha gu math dèidheil air còcaireachd agus bèicearachd agus iad ag innse dhi cò as a tha iadsan a’ faighinn an cuid reasabaidhean. Agus thairis air na h-ath trì seachdainean, cluinnear beagan mu'n fheadhainn a tha air a’ gheàrr-liosta airson Duaisean Dèan Diofar na bliadhna-sa, duaisean a' BhBC a tha ag amas air daoine a tha a' dèanamh rudan iongantach dha na coimhearsnachdan ionadail aca, agus gan comharrachadh 's gan aithneachadh. A' chiad dhiubh sin an-diugh.
Programme WebsiteRecent Tracks
- TrackArtist
- 1.
Everything Has Changed (Taylor's Version) (feat. Ed Sheeran)Everything Has Changed (Taylor's Version) (feat. Ed Sheeran)Taylor Swift - 2.
RadioactiveRadioactiveImagine Dragons - 3.
FourFiveSecondsFourFiveSecondsRihanna, Ye & Paul McCartney











