Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Urram do Rona

Cuirm-chiùil shònraichte bho thalla ùr Chnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas airson Rona Lightfoot aig 90. A special concert for Rona Lightfoot as she celebrates her 90th birthday.

Chruinnich luchd-ciùil, seinneadairean, càirdean is luchd-eòlais agus iad a’ lìonadh talla ùr Chnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas airson urram a thoirt do thè de chaileagan na sgìre a tha a’ comharrachadh gu bheil i air ceithir fichead sa deich a ruighinn air a’ bhliadhna seo.

Rugadh Rona Lightfoot neo Rona Eardsaidh Raghnaill ann an Gearraidh Sheillidh an Uibhist a Deas, baile beag gu math faisg air togalach Chnoc Soilleir. Thàinig Rona bho theaghlach agus bho ghinealach a bha air am bogadh ann an ceòl, òrain is sgeulachdan agus nach math gu bheil i fhèin air na tàlantan sin a roghainn aig iomadh tachartas agus gu sònraichte aig Fèis Cheòlais thar nam bliadhnaichean. Bha e gu math freagarrach gun deach a’ chuirm shònraichte seo a chumail ann an talla ùr Chnoc Soilleir, a tha an-diugh mar mhiann air ceòl, òrain is dualchas na sgìre a chumail beò. A' cumail smachd air cùisean thairis air an dà uair a thìde bha Mìcheal Steele, pìobaire, craoladair agus neach-ciùil sa chòmhlan Beinn Lee.

Release date:

2 hours

On radio

Next Friday21:00

Broadcast

  • Next Friday21:00