
Episode 7
A fire rips through the harbour in the final week of lobster season. With little left to lose, Adam bets it all on tuna.
Na Sgiobairean mu Dheireadh/The Last Captains
EP7/8
Teine sa chaladh a’ toirt clisgeadh air a’ chabhlach agus Adam a’ cur a cheann an geall air an tùna.
A harbour fire rocks the fleet as Adam risks everything on tuna.
An caladh na theine san t-seachdain mu dheireadh de sheusan a’ ghiomaich. Gun an còrr aige ri chall, tha Adam a’ cur a cheann an geall air an tùna.
A fire rips through the harbour in the final week of lobster season. With little left to
lose, Adam bets it all on tuna.
An Eileanan iomallach Magdalen ann an Camas St. Lawrence, tha dòigh-beatha an iasgaich a mhair linntean an cunnart. Ann an coimhearsnachdan lethoireach Grosse Île agus Old Harry, tha ginealach an dèidh ginealach de dh’iasgairean air am beòshlaint a dhèanamh à uisgeachan garbha cheann a tuath a’ Chuain Shiair – ach le barrachd is barrachd uallach orra, cuantan a tha ag atharrachadh, agus àm ri teachd a tha cugallach, tha a’ choimhearsnachd ath-leumach seo an impis briseadh.
Tha Na Sgiobairean mu Dheireadh a’ leantainn iasgairean daingeann mar Adam Clark, Steven Clark agus William Burke agus iad a’ strì ri aimsir gharbh, farpais theann agus iarrtasan neo-thruacanta a’ chuain tro sheusanan èiginneach na crùbaige, a’ chreachainn, a’ ghiomaich agus an tùna. Le beòshlaintean, dìleaban agus cleachdaidhean teaghlach ann an cunnart, feumaidh na sgiobairean seo a bhith deònach a dhol ceum nas fhaide na càch ann an aon de na raointean iasgach as dùbhlanaich agus as caochlaidich san t-saoghal.
On the remote Magdalen Islands in Canada’s Gulf of St. Lawrence, a centuries-old fishing way of life is under threat. In the isolated communities of Grosse Île and Old Harry, generations of fishermen have survived by working the unforgiving North Atlantic — but rising pressures, changing oceans and an uncertain future are pushing this resilient community to breaking point.
The Last Captains follows determined fishermen, including Adam Clark, Steven Clark and William Burke as they battle brutal weather, fierce competition and the relentless demands of the sea across high-stakes snow crab, scallop, lobster and tuna seasons. With livelihoods, legacies and family traditions on the line, these captains must risk everything to survive in one of the harshest and most unpredictable fishing grounds in the world.
Dubbed in Gaelic with English subtitles