Main content
This programme will be available shortly after broadcast

còmhla ris an Dr Urr Aonghas Moireasdan

Seirbheis còmhla ris an Dr Urr Aonghas Moireasdan bho Eaglais na h-Alba. Gaelic service conducted by Rev Dr Angus Morrison, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, laoidh agus an leughadh a leanas:
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 36: 8-9 air fonn Moravia agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh an h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Karen NicMhathain a' seinn O Mìorbhal Gràis.

Leughadh: Eòin 3: 1-17
Ceann-teagaisg Eòin 3: 1-2

Rugadh agus thogadh Aonghas Moireasdan ann an Gleann Comhann ann an 1953 ged a chuir e seachad a' chuid bu mhotha de làithean òige anns an Òban. B' ann do bhaile Lingreabhagh anns na Hearadh a bhuineadh athair agus a mhàthair, agus tha deagh chuimhne aige fhèin iomadach samhradh a chuir seachad ann an Ceann a Deas na Hearadh agus a bhith a' faighinn blasad air dòigh-beatha anns na h-Eileanan an Iar.

Chaidh Mgr Moireasdan gu Àrd-sgoil an Òbain agus às a sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d' fhuair e teisteanas MA ann an Laideann agus Greugais. Fhuair e teisteanas BD tro Oilthigh Lunnainn agus PhD bho Oilthigh Dhùn Èideann.

Bha Mgr Moireasdan ann an ceithir paraistean bhon a ghabh e dreuchd ministear ann an 1979: an t-Òban, Dùn Èideann, Steòrnabhagh agus mu dheireadh ann an Eaglais Sgìre Orwell & Portmoak. Bha e cuideachd na Mhodaràtair aig Eaglais na h-Alba. Tha e an-diugh air a dhreuchd a leigeil dheth.

Tha Mgr Moireasdan pòsta aig Marion agus tha ceathrar de theaghlach aca, triùir ghillean is aon nighean agus tha triùir oghaichean aca. Bha ùidh a-riamh aige ann a bhith a' leughadh agus a' ceannach leabhraichean, agus 's iomadh turas a bhiodh a mhàthair a' trod ris na òige gun robh e air an t-airgead a thug i dha airson lèintean a cheannach a chosg air leabhar eile. 'S e cluas bhodhar a fhuair i agus e fhathast trom air a bhith a' ceannach leabhraichean. Tha ùidh mhòr aige ann a bhith a' coimhead ball-coise agus ag èisteachd ri ceòl clasaigeach.

Tha Mgr Moireasdan air a bhith a' cur seachad trì mìosan gach bliadhna thar na bliadhnaichean mu dheireadh ann an Paraiste Naomh Anndra ann an Lisbon, 's e am Modaràtair eadar-amail aig a' pharaiste sin an-dràsta agus tha làn dhùil aige a bhith a' siubhail a-null a-rithist san t-Sultain.

Release date:

30 minutes

On radio

Sunday09:00

Broadcasts

  • Sunday09:00
  • Sunday15:00