còmhla ris an Urr Iain M Dòmhnallach
Seirbheis còmhla ris an Urr Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Gaelic religious service conducted by Rev Iain Murdo MacDonald, Church of Scotland, Tarbert.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 91: 1-2 air fonn St Paul agus 's e Aonghas Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal eaglais Shaor Chrow Road ann an Glaschu
Salm 28: 6-7 air fonn Coleshill agus 's e Dòmhnall Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air Sraid Ghardner
Salm 09: 9-10 air fonn Bangor agus 's e Aonghas Macleòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd Eaglais Steòrnabhaigh.
Leughadh: Marcas 7: 24-30
Ceann-teagaisg Marcas 7: 24
'S ann do sgìre Bheàrnaraigh a bhuineas Iain Murchadh Dòmhnallach agus chaidh e dhan sgoil san sgìre sin mus deach e a Steòrnabhagh airson foghlam aig àrd-ìre ann an Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteil.
Rugadh agus thogadh e air croit agus cha robh e na shrainnsear dhan obair chruaidh a bha ri dhèanamh an sin. Bha obair pàirt-ùine aige còmhla ri Roinn na Tèarainteachd Shòisealta agus bha cosnadh cuideachd aige aig aon àm ann an Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.
Dh'atharraich a bheatha ann an 1989 agus fhuair e eòlas air beatha a' Chrìosdaidh. Bho thàinig an t-atharrachadh sin na bheatha, bha e a' faireachdainn gum bu chòir dha ceumannan eile a ghabhail agus a dhol a dh'ionnsaigh na ministrealachd. Ann an 1995, chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig Oilthigh Obar Dheathain agus, an dèidh sin, chuir e seachad mu bhliadhna gu leth aig Àrd-eaglais Steòrnabhaigh. Ann an 2001, fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis agus dh'fhuirich e an sin gus an do ghluais e gu coitheanal an Tairbeirt anns na Hearadh.
Tha Iain Murchadh pòsta aig Alison NicDhòmhnaill agus tha triùir chloinne aca.
Last on
Broadcasts
- Yesterday09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Yesterday15:00BBC Radio nan Gàidheal
