
Bàird Baile
Sùil air beatha agus bàrdachd Anndra Linc, Bàrd Horasairigh còmhla ri Iain MacAmhlaigh. The life and poetry of Andrew Laing from Horisary, North Uist. With Iain Macaulay.
'S e bàrd agus seinneadair a bh'ann an Anndra Linc, Anndra Horasaraigh, a bha mar iomadach bàrd eile nach d'fhuair an aithne air a robh e airidh a-rèir Iain MhicAmhlaigh sa phrògram a rinn e seo ann a 1999. Bho chionn ghoirid nochd leabhar de na h-òrain aige agus 's dòcha leis a sin gum bi barrachd aithne air le ginealach à là an-diugh.
Rugadh Anndra Linc, Anndra Alasdair 'ic Anndra no Anndra Hòrasairigh, ann an 1900 sa Bhaile Mhòr ann an sgìre Phaibil an Uibhist a Tuath. Bha grunn chlann-nighean san teaghlach agus mar a chluinneas sinn sa phrògram chaidh fàilte mhòr a chuir air balach. B' ann à Heisgeir a bha màthair Anndra agus bhiodh e tric ann air làithean-saora a sin nuair a bha e na bhalach. Nuair a bha e na bu shine, ghabh e fhèin fearann ann agus thug e ceithir bliadhna a' croitearachd air Heisgeir. Nuair a bha Anndra 24 chaidh e fhèin agus a bhràthair Uilleam a dh'Astràilia, a dh'obair ann am mèinnean òir an Kalgoorlie-Boulder agus an Coolgardie. Thill Anndra a dh'Uibhist ann an 1939 agus chun an àite air an robh e air ainmeachadh leis a h-uile duine a bha eòlach air, Hòrasairigh, pàirt de bhaile Chnoc a' Lìn air taobh an iar Uibhist a Tuath. Phòs e Màiri Dhòmhnaill Iain à Heisgeir. Bha cuimhne aig a nàbaidh, Dòmhnall Eàrdsaidh Dòmhnallach, ag innse dha nan cluinneadh e òran dìreach aon uair gun deigheadh aige air a sheinn an oidhche sin fhèin gun dad a sgrìobhadh. Chumadh e cuimhne air òran na b' fheàrr na chumadh e cuimhne air rud sam bith eile. Rinn e bàrdachd air bòidhchead an eilein às an robh e, Uibhist agus Heisgeir, agus bàrdachd ag aoireadh cuideachd. Cha robh dad a chòrdadh cho math ri Anndra na cuairt a ghabhail dhan "an taigh biorach" mar a bh' aige air taigh-seinnse Westford, drama na dhà a ghabhail an sin agus cèilidh-taighe an dèidh sin. Chaochail Anndra Hòrasairigh ann an 1969, aig aois 69.
Anns a' phrògram cluinnidh sibh Alasdair Linc, mac Anndra; Ceitidh NicCarmaig, nighean Anndra, agus an duin' aice Dòmhnall; Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach, Murchadh MacCùthais, Fionnlagh Moireasdan agus Calum Dòmhnallach. A thuilleadh orrasan cluinnidh sibh grunn de dh'òrain Anndra leithid An t-Eilean Beag Lurach ma Thuath, Òran do Heisgeir agus Òran na Caillich.
Last on
Broadcasts
- New Year's Day 201510:03BBC Radio nan Gàidheal
- New Year's Day 201520:00BBC Radio nan Gàidheal