Dragh mu "sgrios mòr" air gnothachasan Earra-Ghàidheal

- Air fhoillseachadh
Bha fianais ga togail aig an Rest and Be Thankful air an A83 air an deireadh-sheachdain mu phlanaichean airson leasachadh mòr a thoirt air an rathad ann an Earra-Ghàidheal.
Nochd timcheall air 20 làraidh is tractar air an earrann den rathad tro Ghleann a' Chrò, air a bheil maoimtean-slèibhe air buaidh mhòr a thoirt thar nam bliadhnaichean, gus dragh a thogail mu na planaichean aig Còmhdhail Alba.
Chaidh an togail-fianais Disathairne a chur air dòigh leis a' bhuidhinn an Rest and Be Thankful Campaign, taobh a-muigh.
Còmhla riutha, bha BP SNP na sgìre, Brendan O'Hara, a tha air ath-chuinge a thòiseachadh an aghaidh nam molaidhean.
Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil fuasgladh maireannach dha na trioblaidean ann an Gleann a' Chrò na amas dhan Riaghaltas.
Fiosrachadh don phoball mun Rest and Be Thankful
- Air fhoillseachadh18 Am Màrt 2024
Cùmhnant 'son obair aig an Rest and Be Thankful
- Air fhoillseachadh15 An t-Iuchar 2024
Tha an A83, anns a bheil cha mhòr 100 mìle de dh'fhaid, a' ceangal Maol Chinn Tìre agus ceann a deas Earra-Ghàidheal le bruaichean Loch Laomainn.
Tha timcheall air 1.3m carbad a' siubhail air an rathad gach bliadhna.
Ach tha earrann an Rest and Be Thankful tric air a bhith dùinte ri linn mhaoimtean-slèibhe thar nam bliadhnaichean.
Ann an 2023, dh'fhoillsich Còmhdhail Alba planaichean a chosgadh £470m gus fasgadh a chur os cionn an rathaid airson a dhìon bho sprùilleach.
Fhad 's a thathas ag obair air seo, tha moladh ann gun cleachd carbadan seann rathad an airm - rathad singilte - le siostam conbhoidh ga chur an sàs fad ceithir bliadhna.

The Brendan O'Hara ag ràdh gun toir na planaichean fìor dhroch bhuaidh air Earra-Ghàidheal
Dh'innis Mgr O'Hara nas tràithe dhen mhìos seo gun robh e air ath-chuinge a thòiseachadh an aghaidh nam planaichean.
Thuirt e gun toir iad fìor dhroch bhuaidh air eaconamaidh Earra-Ghàidheil agus gu bheil e ag iarraidh gun lorg an Riaghaltas fuasgladh eile a' leigeadh le carbadan fhaighinn tron earrann den rathad gun bhacadh.
Tha cha mhòr 9,000 duine air ainm a chur ris an ath-chuinge.
A' bruidhinn aig an togail-fianais, thuirt Mgr O'Hara gum biodh buaidh ann air turasachd, roinn an àiteachais, gnothachasan fiodha is eile.
"Chan eil roinn ann an Earra-Ghàidheal is Bòd air nach toir seo fìor dhroch bhuaidh," thuirt e.
"Tha muinntir na sgìre a' seasamh còmhla ri gnothachasan a ràdh nach gabh seo fhulang."

Tha Coinneach MacLeòid ag ràdh gu bheil fuasglaidhean eile ann air am bu chòir don riaghaltas beachdachadh
Tha Coinneach MacLeòid, aig a bheil a' chompanaidh Macleod Construction Eta ann an Ceann Loch Gilb, air a' bhuidheann-iomairt a chuir an togail-fianais air dòigh.
Thuirt esan gun dèanadh na planaichean "sgrios mòr" air gnothachasan san sgìre.
"Tòrr dhe na daoine a tha ag obair dhuinne, tha iad a' tighinn an seo a h-uile Diluain agus tha iad a' dol dhachaigh air an Dihaoine," thuirt e.
"Tha sinn an urra ris an rathad a Ghlaschu a bhith fosgailte fad an t-siubhail.
"Tha e garbh ma tha iad a' smaoineachadh gun urrainn dhaibh siostam conbhoidh a chur an sàs - chan eil sinn toilichte idir ma dheidhinn."
Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gun cuireadh e co-dhiù leth uair a thìde de mhaill air daoine ma thèid na planaichean air adhart.
Tha e ag ràdh gu bheil fuasgladh eile ann, a' cleachdadh rathad coilltearachd seach seann rathad an airm.
"Feumaidh e a bhith comasach faighinn a Ghlaschu thairis air rathad dà fhillte," thuirt e.
"Rathad singlite, tha e dol a thachdadh na sgìre."
Thuirt neach-labhairt bho Chòmhdhail Alba gu bheil an Riaghaltas a' cur rompha fuasgladh maireannach a chur an sàs cho luath 's a ghabhas aig an Rest and Be Thankful, gus dèiligeadh ris a' chunnart a th' ann bho mhaoimtean-slèibhe.
Thuirt iad gum beachdaich Rùnaire na Còmhdhail Stephen Flynn air beachdan luchd-iomairt is eile, agus gun coinnich e ris a' bhuidhinn-iomairt agus luchd-poileataigs ionadail air a' mhìos seo mus tèid co-dhùnadh a dhèanamh.