Beachdan gan sìreadh air Stèisean a' Phoileis ann an Cille Chuimein

Tha co-chomhairleachadh poblach a' dol ann an Cille Chuimein mu mholadh stèisean a' phoileis sa bhaile a dhùnadh
- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh Cille Chuimein a bhith às aonais stèisean-poileis a dh'aithghearr mar phàirt de dh'atharrachaidhean a tha Poileas Alba a' cur an sàs.
Chaidh co-chomhairleachadh poblach, taobh a-muigh a chur air chois gus beachdan a thrusadh mu na planaichean agus am feachd a' feuchainn ris na goireasan a th' aca a chleachdadh san dòigh as èifeachdaiche. Tha an obair seo air a bhith a' leantainn fad bhliadhnaichean.
Fo na planaichean, bhiodh oifigearan agus com-pàirtiche anns an roinn phoblaich le chèile a' cleachdadh an togalaich seach fear a bhith aca dhaibh fhèin.
Thuirt Caidreachas Poileas na h-Alba roimhe gu bheil dragh mòr orra mun àireamh de stèiseanan-poileis a tha gan dùnadh air feadh na dùthcha agus tha iad a' toirt rabhadh gu bheil ceanglaichean leis na coimhearsnachdan a' crìonadh.
A-rèir a' Chaidreachais, tha timcheall air 180 stèisean air dùnadh bho chaidh Poileas Alba a stèidheachadh ann an 2013 - nam measg 22 air a' Ghàidhealtachd.
Tha 21 eile an-dràsta gan dùnadh no gan reic.

Tha Poileas Alba ag ràdh gu bheil iad airson na goireasan aca a chleachdadh ann an dòigh nas èifeachdaiche
Thuirt Comandair Ionadail na Sgìre, an t-Àrd-Inspector Craig Still, nach eilear air a bhith a' cleachdadh stèisean Chille Chuimein cho tric sna bliadhnaichean mu dheireadh agus nach toireadh na planaichean buaidh air an t-seirbheis a gheibh a' choimhearsnachd.
Thuirt labhraiche do Phoileas Alba gu bheil iad ag amas air stèiseanan agus ionadan a bhith aca ann an àitichean ro-innleachdail gus am bi oifigearan fhathast rim faicinn ann an coimhearsnachdan.
Dùinidh a' cho-chomhairle Diluain 13mh den Iuchar.