A’ chiad sheinneadair ‘Metalcore’ sa Ghàidhlig

- Air fhoillseachadh
Thairis air na glasaidhean-sluaigh, thòisich barrachd agus barrachd dhaoine a’ cruthachadh bhideothan TikTok air loidhne – is cuid dhiubh sin sa Ghàidhlig.
Tha e gu math àbhaisteach a-nise a bhith a’ faicinn bhideothan TikTok Gàidhlig air an ‘FYP’ againn uile, ach chithear cuideachd rudan ’s dòcha nach eil cho àbhaisteach sa Ghàidhlig, mar chuideigin a’ seinn ‘Tha Mi Sgìth’ ach ann an dòigh gu math eadar-dhealaichte.
Tha Cailean Stone a' fuireach san Leth-Pheairt faisg air an Eaglais Bhric. Bidh esan a’ cleachdadh TikTok airson a bhith a' seinn òrain Ghàidhlig ann an dòigh nach eil sinn idir cleachdte ris – smaoinich air Skipinnish agus Mànran, ach ann an stoidhle Slipknot no Knocked Loose. ‘Gàidhlig Metalcore’ a chanas Cailean fhèin ris.
“Mhothaich mi gun robh tòrr chiùil sa Ghàidhlig mar cheòl dannsa, traidiseanta, còmhlan-ciùil mar Valtos agus Niteworks, ach cha robh còmhlan-ciùil nas truime ann idir. Mhothaich mi gun robh feum agam tòiseachadh air rudeigin gu tur eadar-dhealaichte.”
Thòisich e sgreuchail (mar a tha e fhèin ag ràdh ris) air TikTok nuair a rinn am Mòd Nàiseanta Rìoghail bhideo a bha ag iarraidh air daoine na sgilean aca a thaisbeanadh.
Cead do stuth TikTok?
Tha stuth TikTok an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
Fhreagair Cailean le TikTok is e a' sgreuchail an òrain aige fhèin. Gu seo chaidh coimhead air còrr is 30,000 turas.
Tha Cailean air iomadh diofar bhideo a chur suas agus mìltean de sheallaidhean fhaighinn.
“Mar a' chiad duine a tha a' dèanamh ciùil san genre seo a-riamh, tha beagan cuideim ormsa cuideachd," tha e ag ràdh.
Tha Cailean air bliadhnaichean a chur seachad gus an ìre seo a ruighinn is a bhith misneachail gu lèor a bhith a' sgreuchail. Tha e a-nise cofhurtail air TikTok agus air beulaibh dhaoine eile.
Tha seinn anns an dòigh seo gu math cunnartach aig àmannan oir ma nì thu sgreuchail san dòigh chèarr, dh’fhaodadh gun tèid do goirteachadh.
Ghoirtich Cailean fhèin a ghùth mar seo roimhe.

Tha Cailean air a bhith a' sgreuchail ann an còmhlan-ciùil ‘Gun Ghaol’ airson bliadhna a-nis. Thàinig an t-ainm bhon òran as fhèarr leis – sin ‘No Love/No One le Gideon.
’S e GG cuideachd litrichean ainm a chèile. Thuirt e gum feum an t-ainm a bhith ‘meatailt’ gu leòr ’s mar sin cha robh e airson ainm toilichte a thaghadh.
Tha Cailean cuideachd ag obair comhla ri Hammy Sgìth, an Rapper Gàidhlig, gus òrain a chlàradh còmhla a bhios a' tighinn a-mach as t-Samhradh.
“Tha tàlant againn uile agus ma tha sibh a’ smaoineachadh mu dheidhinn rudeigin a chur air-loidhne, dìreach cuir a' bhideo air-loidhne – bidh daoine ann leis an aon ùidh, mar choimhearsnachd air feadh an t-saoghail, dhomhsa, dhutsa no dhaibhsan.”
“A' toirt cothrom gu stoidhlichean ùra no dòighean ùra seach na seann dòighean. Leis a' cheòl agamsa, bidh mise a’ toirt a' chànain do dhaoine ùra air feadh an t-saoghail. Tha e cho cudromach airson an canan a ghluasad air adhart gu barrachd agus barrachd dhaoine," tha Cailean ag ràdh.
Tha ‘Gun Ghaol’ an-drasta ag obair air clàr ùr agus thathar an dùil gum bi e ri fhaighinn san Dàmhair.
Cead do stuth TikTok?
Tha stuth TikTok an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.