Am Mòd a' dol a Ghlaschu agus dha na h-Eileanan an Iar

CòisirTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh an Comunn Gàidhealach gum bi am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu ann an 2026 agus anns na h-Eileanan an Iar ann an 2027.

Tillidh am Mòd gu Baile Mòr nan Gàidheal eadar an 9mh is an 17mh den Dàmhair 2026 'son a' chiad uair bho 2019.

Dh'innis an Comunn gun do thadhail còrr air 12,000 duine air a’ bhaile ri linn a' Mhòid ann an 2019, a' cruthachadh còrr air £3.2m 'son na h-eaconamaidh ionadail.

Bha am Mòd anns na h-Eileanan an Iar mu dheireadh ann an 2016 nuair a thàinig còrr air 7,500 duine is £2.4m air a chur ri eaconamaidh nan Eilean.

“Tha sinn air ar dòigh gun till Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu an 2026 agus dha Na h-Eileanan Siar an 2027", dh'innis àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Seumas Greumach.

"Thachair deagh Mhòdan san dà sgìre mar-thà agus sinn gu math toilichte tilleadh thuca, le dualchas agus eachdraidh Gàidhlig cho làidir, gus an cànan agus cultar a chomharrachadh".

Dràma a' Mhòid Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach

Chaidh gàirdeachas a dhèanamh san dà sgìre cuideachd.

"’S e deagh naidheachd a th’ ann gun tìll Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu an 2026. Tha am baile aithnichte gu h-eadar-nàiseanta mar àite far am faigh tachartasan fàilte agus bha Mòd 2019 an seo gu math soirbheachail, le farpaisich agus luchd-tadhail às gach ceàrnaidh a’ cuir ris an eaconamaidh ionadail", thuirt ceannard thachartasan Ghlaschu Beò, Julie Pearson.

"Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e gum bi cothrom dhan fheadhainn aig a bheil agus aig nach eil Gàidhlig a bhith aig cuirmean is eile gus am bi iad an-sàs ann an cultar na Gàidhlig, mar sin bidh sinn ro thoilichte fàilte chridheil a chur air an tachartas cliùiteach seo a-rithist san Dàmhair 2026.”

Dh'innis fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar gum bi fàilt mhòr air a' Mhòd anns na h-Eileanan ann an 2027 cuideachd.

"Mar a tha fios aig a’ mhòr-shluaigh, tha dualchas agus cultar làidir Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar agus thig tuilleadh misneachd dhan chànan mar thoradh air am Mòd a bhith an seo", thuirt Coinneach MacLeòid.

"Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Stiùirichean is Oifigearan a’ Chomuinn Ghàidhealaich airson an taic agus an co-chonaltradh feumail thairis air na mìosan a chaidh seachad agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth còmhla riutha gus lìbhrigeadh a’ Mhòd ann an trì bliadhna.”

Bidh am Mòd san Òban am-bliadhna eadar an 11mh agus an 19mh den Dàmhair agus ann an Loch Abar ann an 2025 eadar an 10mh agus an 18mh den Dàmhair.