Airgead Stòras Fearainn 'son dà bhuidhinn

  • Air fhoillseachadh
Urras Coimhearsnachd Phòrt Righ is na Bràighe
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Urras Coimhearsnachd Phòrt Righ is na Bràighe £55,241 bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Fhuair dà bhuidhinn san Eilean Sgitheanach taic-airgid bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Tha Urras Coimhearsnachd Phòrt Righ is a' Bhràighe air £55,241 fhaighinn airson pìos dhen Mheall a cheannach agus dà phios talmhainn eile faisg air làimh.

'S e tha fa-near dhaibh barrachd talamh glas a leasachadh dhan choimhearsnachd.

Thuirt cathraiche an urrais, Donnie MacNeacail, gun robh iad uile air an dòigh leis.

"Cruthaichidh an uiread de chothroman tro shealbh fhaighinn thar nan sgìrean seo," thuirt e.

"Mar-thà, tha an t-urras air a bhith a' beachdachadh air slìghean-coiseachd a dhealbhadh, agus àite coillteach coimhearsnachd a chruthachadh cuideachd.

"Anns an àm ri teachd bheir am fearann seo dhuinn an cothrom teachd a-steach seasmhach fhaighinn dhan coimhearsnachd."

Buth Chàraboist

Tha buannachd ann do sgìre Mhinginis cuideachd.

Fhuair buidheann coimhearsnachd Buth Chàraboist £177,500 airson a' bhuth acasan a cheannach.

Chuir Murray Caimbeul a tha a' fuireach san sgìre fàilte air an naidheachd.

"'S e naidheachd mhath a th' ann gun d' fhuair a' choimhearsnachd an t-airgead seo," thuirt e.

"Cumaidh sin a' bhùth fosgailte agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn na pumpaichean airson am peatrail air ais cuideachd.

"Nì e diofar mòr dhan comhairsneachd."