Anailis air sgilean sgrìobhaidh: caractarachd agus dòigh-aithris

Part ofGàidhligLeughadh

Earrann leughaidh - an sgeulachd aig An Leòbag

Ann an 1923 dh'fhàg an SS Marloch agus an SS Metagama na h-Eileanan an Iar airson a dhol a Chanada le faisg air 600 eilthireach air bòrd.

Tha am monolog, ann an riochd dràma, air a bheil earrann leughaidhan stòiridh aig An Leòbag stèidhichte, air aon de shreath a chaidh a bhrosnachadh leis na stòiridhean aig cuid dhe na daoine seo.

Dreach luath

Caractarachd agus dòigh-aithris

Anns an earrainn seo tha cothrom:

  • eòlas a chur air sgilean sgrìobhaidh agus
  • sgrùdadh a dhèanamh air mar a chleachd an sgrìobhadair na sgilean seo gu soirbheachail
  • bhidio fhaicinn den sgeulachd aig An Leòbag agus tar-sgrìobhadh a leughadh
  • bhidio fhaicinn anns a bheil an sgrìobhadair a' bruidhinn mu bhith a' sgrìobhadh an teacs

Leugh agus coimhead air an sgeulachd aig An Leòbag.

Leasaich do sgilean sgrùdaidh le bhith a' beachdachadh air mar a chleachd an sgrìobhadair caractarachd agus dòigh-aithris anns an teacs seo.

Uaireadair-stad le loidhnichean astair
Back to top

Ionnsaich barrachd

'S e monolog a chaidh a sgrìobhadh airson prògram dràma a th' anns an earrann leughaidh seo.

Tha bhidio agus tar-sgrìobhadh den mhonolog air an duilleig mar thaic ann a bhith ga thuigsinn agus ga sgrùdadh. Cuimhnich ge-tà nach bi bhidio ann an earrainn leughaidh na deuchainn.

Faodar an dà chuid a' bhidio agus an tar-sgrìobhadh a chleachdadh airson na ceistean sgrùdaidh a fhreagairt, 's dòcha le bhith a' coimhead air a' bhidio an toiseach is an uair sin a' dèanamh dlùth-leughadh air an tar-sgrìobhadh.

Tha na ceistean a' cur fòcas air mar a chleachd an sgrìobhadair caractarachd agus dòigh-aithris airson buaidh a thoirt air an neach-coimhid/an leughadair.

Back to top

An sgeulachd aig An Leòbag

Anns an earrainn seo, tha An Leòbag ag innse mun iomadh rud a rinn e fhad 's a bha e ann an Ameireaga agus carson a thill e a dh'fhuireach a Steòrnabhagh aig a' cheann thall.

Marloch is Metagama: Guthan - An Leòbag.

Back to top

Ceistean air an earrainn

Leugh paragrafan 1 agus 2

Mìnich an a th' air a chleachdadh an seo agus am feum a tha i a' dèanamh dhan teacs.

Leugh paragrafan 3 agus 4

Seall mar a tha caractar an neach-aithris a' tighinn am follais sa phàirt seo dhen earrainn.

Leugh paragrafan 5, 6 agus 7

Seall mar a tha feartan ann an an neach-aithris a' tighinn am follais sna paragrafan seo.

Leugh paragrafan 8-11

"Nach do thill Ìosa Crìosd e fhèin airson daoine a chuideachadh?"

A' smaoineachadh air na thàinig roimhe, mìnich mar a tha am beachd seo a' toirt dòigh-aithris An Leòbag gu àirde.

"Fàidh na dhùthaich fhèin. Sin mise."

A thaobh caractar An Leòbag, dè an teachdaireachd a tha ga toirt seachad leis a' bheachd seo?

Carson, nad bheachd-sa, a chaidh tòrr Bheurla a chleachdadh leis a' charactar seo? Cleachd fianais nad fhreagairt.

Back to top

Bhidio - a' sgrìobhadh caractar

Iain F MacLeòid a' bruidhinn mu bhith a' sgrìobhadh an sgeulachd aig An Leòbag agus aig Doileag airson sreath Marloch is Metagama: Guthan.

A' sgrìobhadh caractar.

Back to top

Feuch dè na dh'ionnsaich thu

Quiz

Back to top

Ath-shùil air na dh'ionnsaich thu

Tha sgilean sgrìobhaidh caractarachd agus dòigh-aithris air an cur gu feum leis an sgrìobhadair anns an sgeulachd aig An Leòbag.

MìneachadhEisimpleir
caractarachdAn dòigh san tèid caractar a chruthachadh agus a thaisbeanadh."Bidh iad ag ràdh, 'Siud An Leòbag, a' cur às a chorp a-rithist'".
dòigh-aithrisAn dòigh no sealladh bhon tèid sgeulachd innse."'S mise a bha thall 's a chunnaic."
Peann-sònrachaidh agus duilleag pàipeir le pìosan air an sònrachadh
Back to top

More on Leughadh

Find out more by working through a topic