Smachd nan Nadsaidhean air a’ GhearmailtCò bha an aghaidh nan Nadsaidhean?

Sna 1930an bha smachd aig na Nadsaidhean air a’ Ghearmailt. Bha geur-leanmhainn air Iùdhaich is eile. Bha an Gestapo is an SS a’ cur eagal air daoine is cha deach mòran nan aghaidh.

Part ofEachdraidhHitler agus Gearmailt nan Nadsaidhean

Cò bha an aghaidh nan Nadsaidhean?

Dùbhlan bhon eaglais

  • Bha cuid de shagairt Chaitligeach an aghaidh Hitler.
  • Chaidh Àrd-easbaig Caitligeach Mhunster os cionn iomairt shoirbheachail airson stad a chur air iutanàsia dhaoine le tinneas inntinn.
  • Stèidhich mòran mhinistearan Pròstanach, fo stiùireadh Martin Niemöller, an Eaglais Aidmheileach agus iad an aghaidh Eaglais Reich Hitler.

Cion dùbhlan Crìosdaidh

Dùbhlan bho òigridh

Na Meuten

  • Buidhnean de dheugairean bhon obair-chlas agus inbhich òga.

Na Swing Kids

  • Bha an gluasad a' toirt dùbhlan do Hitler a bha ag ràdh gum feumadh a h-uile deugair Gearmailteach a bhith ann am buidheann òigridh Nadsaidheach.
  • Chaidh iad an aghaidh ìomhaigh nan Nadsaidheach dhen òigridh le bhith a' leigeil lem falt fàs agus le bhith a' cur orra aodach fasanta.
  • Bhiodh iad cuideachd ag èisteachd ri ceòl swing, ceòl a bha na Nadsaidhean a' faicinn mar cheòl Dubh, agus bhiodh iad a' coinneachadh ann an tallachan dannsa dìomhair. Glè thric dh'adhbhraich sin còmhstri ri Òigridh Hitler agus ris na buidhnean tèarainteachd.

Spùinneadairean Edelweiss

  • Air an dèanamh suas de dheugairean eadar 14 agus 17 bliadhna a dh'aois, bha Spùinneadairean Edelweiss a' peantadh shluagh-ghairmean an aghaidh nan Nadsaidhean, a' toirt fasgadh do luchd-teichidh às an arm agus a' toirt màlaich air Nadsaidhean oifigeach.