Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,20 Oct 2026,57 mins

40 bliadhna de phàipear The Independent, agus a’ rannsachadh chlàran-cogaidh teaghlaich

Naoi gu Deich

Available for 29 days

Tha 40 bliadhna ann bho nochd pàipear-naidheachd The Independent airson a’ chiad uair. Ciamar a dh’atharraich e saoghal nam pàipearan-naidheachd ann am Breatainn, agus dè an àite a th’ aig pàipearan-naidheachd an-diugh? Tha dithis luchd-naidheachd a’ toirt an cuimhneachain fhèin agus am beachdan fhèin seachad: Pàdraig MacAmhlaigh agus Murchadh MacLeòid. Cluinnidh sinn cuideachd mu na dòighean anns am faod daoine clàran-cogaidh an teaghlaich a lorg agus a rannsachadh, leis an eachdraiche Niall Bartlett a’ toirt cunntas air na rinn a theaghlach fhèin. Bidh Fionnlagh Lawson a’ mìneachadh dhuinn dè dìreach a th’ ann an algairim – facal a thathar a’ cleachdadh airson an dòigh sa bheil companaidhean mòra didseatach a’ moladh ghnothaichean air na meadhanan sòisealta. Agus tha Iain Aonghas Dòmhnallach a’ toirt dhuinn a bheachd fhèin air sreath aithriseach ùr mun bhogsair Mike Tyson, TYSON, a tha ri fhaicinn air Netflix an-dràsta.

Programme Website
More episodes