Episode details

Available for 29 days
Tha Murchadh MacLeòid agus John Neil Dòmhnallach air a bhith a' toirt sùil air colbhan-beachd a ghlac an aire ann am pàipearan-naidheachd an deireadh-sheachdain. Thàinig leabhar ùr a-mach o chionn ghoirid le Charles Spencer, bràthair na Bana-phrionnsa Diana nach maireann, air a bheil Swan Song. Tha connspaid air a bhith mun cuairt air an leabhar, agus tha an neach-naidheachd Anna NicLeòid a' toirt dhuinn a beachd fhèin air. Agus thàinig am film as ùire aig Tom Cruise, Digger, gu taighean-dhealbh aig an deireadh-sheachdain. Chaidh John Murdo MacAmhlaigh ga fhaicinn às ar leth, agus cluinnidh sinn na tha aige ri ràdh mu dheidhinn.
Programme Website