Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,28 Sep 2026,30 mins

Eapasod 01 Manaidhean

Soillsich

Available for 32 days

B' e sreath ainmeil a bh' ann an Soillsich dha BBC Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIlleathain nach maireann a' clàradh is a' cruinneachadh sgeulachdan air feadh na dùthcha, agus chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999. Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, mu thaibhsean, mun dàrna sealladh, sìthichean is gu leòr eile a chluinntinn an tac an teine, ach cha b' e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Anns a' chiad phrògram dhen t-sreath 's ann mu mhanaidhean a bha na còmhraidhean. Cluinnear guthan Mhàiri NicRuairidh às a' Chaolas ann an Uibhist a Deas, Lachie MacDhonnchaidh à Ealaghol, Dòmhnall Iain MacIllinnein san Ath Leathann, Joe MacDhùghaill à Bhatarsaigh, Ailean Dòmhnallach às a' Bhaile Shear, Dòmhnall MacAmhlaigh à Beàrnaraigh Leòdhais, Dòmhnall Mac'IlleDhuibh à Lios Mòr, Dòmhnall Eàrdsaidh Dòmhnallach a bhuinneadh do dh'Uibhist a Tuath, Màiri Dhòmhnallach Lundal, Leòdhas, Sìne Churrie Uibhist a Deas agus Ruairidh Fearghasadan à Hogha Gearraidh.

Programme Website
More episodes