Episode details

Radio nan Gàidheal,23 Sep 2026,87 mins
Caifein, Great British Bake Off agus òrain mixtape.
Feasgar an-diughAvailable for 29 days
Thòisich sreath ùr den Great British Bake Off a-raoir, le preasantair ùr, an còcaire Nigella Lawson. Ciamar a chaidh dhi? Tha Krisell Dhòmhnallach agus Laura NicIllinnein le chèile air a bhith ga choimhead bhon toiseach, ach an dùil dè am beachd a th' aca air a' phreasantair ùr? Tha còrr is dà bhillean cupan cofaidh gan òl gach latha, agus tha mòran an urra ri cofaidh airson togail a thoirt dhaibh. Tha cuid eile a' gabhail deochan eadar-dhealaichte le caifein annta airson an spionnadh sin fhaighinn. Ach, a rèir coltais, chan eil caifein a' toirt buaidh air a h-uile duine san aon dòigh, mar a tha Niall Iain a' cluinntinn bho dhithis a tha gu math trom air a' chofaidh. Agus 's i Màiri Ross a tha a' dèanamh taghadh de na h-òrain as fheàrr leatha airson mixtape.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Who's ThatWho's ThatThe War on Drugs
- 2.Kicking Up ShadowsKicking Up ShadowsPalace
- 3.Feelin'Feelin'The La’s