Episode details

Available for 28 days
Chaidh am prògram aithriseach, Disclosure: Welcome To Glasgow, a-mach air BBC1 a-raoir. Tha am prògram a' toirt sùil air meadhan baile Ghlaschu, 's a faighneachd a bheil eucoir, an-fhois agus caismeachdan an aghaidh in-imrich a' meudachadh. Tha ceathrar à Glaschu a' toirt am beachd fhèin air a phrògram, 's ag innse mu mar a tha iad fhèin a' faireachdainn mun bhaile. Tha barrachd luchd-turais air sgèith a dh' Alba air an t-samhradh seo, seach a Lunnainn no an corr de Shasainn. Ach dè seòrsa grèim a th' aca air eachdraidh fìor na dùthcha 's air a Ghàidhlig? Dè bhios iad a' lorg agus dè seòrsa ceistean a th' aca? Robh fhios agaibh gum bi buthaidean a' call an gob dearg mun àm'sa dhen bhliadhna? Tha Shona Nic'IlleFhialain bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun, ag innse dhuinn mun a sin. Gach Dimàirt tro mhìosan an t-samhraidh, tha aoighe ag innse mu na làithean-saora as fheàrr a chòrd riutha riamh. An-diugh, tha Zach Ronan ag innse mun t-àite a th' aig Singapore na bheatha agus mu thuras gu Thailand.
Programme Website