Episode details

Radio nan Gàidheal,05 Aug 2026,87 mins
Traidhfeal, ceòl Glen Hansard agus òrain mixtape
Feasgar an-diughAvailable for 29 days
Chaidh tiodhlachadh an t-seinneadair Èireannach Glen Hansard a chumail an-dè le mòran dhaoine ainmeil an làthair. Tha Calum MacConaill air a bhith fìor dhèidheil air ceòl Glen Hansard airson bliadhnaichean agus tha e ag innse do dh' Alasdair dè a tha cho sònraichte mu dheidhinn. Cò againn nach eil dèidheil air rudeigin milis as dèidh ar dìnnear? A-rèir choltais tha an traidhfeal, a bhiodh air cha mhòr a h-uile bòrd-dìnneir gach seachdain anns na seachdadan, air ais san fhasain, agus e a' nochdadh a-rithist air clàran-bìdhe taighean-bìdh gu math spaideil. Tha Abigail NicÌomhair san stiùido 's i air traidhfeal ullachadh. Gheibh Emma agus an sgioba cothrom blasadh air agus cluinntinn bho Abigail air na diofar thionndaidhean as urrainn a thoirt air an traidhfeal. Agus 's i Iona NicDhàibhidh a tha a' dèanamh taghadh air na h-òrain as fheàrr leatha airson an cuir còmhla air teip.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Castle On The HillCastle On The HillEd Sheeran
- 2.ParadiseParadiseColdplay
- 3.The First Day In AugustThe First Day In AugustCarole King