Episode details

Available for 29 days
Nochd naidheachd bho chionn ghoirid, gur dòcha nach teid Sgoil Ealain Ghlaschu a-riamh a chàradh mar bu mhiann. Chaidh an togallach na smàl dà thuras an taobh a-staigh ceithir bliadhna, 's tha caoidh mhòr ga dhèanamh air na chaidh a chall de dh' obair an àiltire ainmeil, Charles Rennie Mackintosh. Ach dh' fhaodadh a-nise, nach bi airgead gu leòr ann son a sgeadachadh as ùr. Tha Cathy ann an còmhradh ri dithis ealanaichean agus àiltire mun a sin. Thadhal 434,000 duine air farpaisean Geamannan a Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu thairis air an 11 là a bha’d a dol. An-diugh tha sinn a' cluinntinn bho fheadhainn a bha an làthair, mu cò ris a bha e coltach a bhith coimhead na farpaisean 's a bhith an teis-mheadhan chùisean. Dè as fheàrr a chòrd riutha agus an canadh iad gun do chuir e tòrr ris a bhaile? Gach Dimàirt, tha sinn a' cluinntinn bho chuideigin mu na làithean-saora as fhèarr a chòrd riutha riamh. An-diugh, tha Conall Whyte ag innse mu turas bho Albàinia gu Estòinia.
Programme Website