Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,03 Aug 2026,57 mins

Colbhan bho phàipearan naidheachd an deireadh sheachdain

Naoi gu Deich

Available for 28 days

Gach Diluain bidh dithis a' gabhail sgrìob tro cholbhan beachd nam pàipearan naidheachd bhon deireadh sheachdain. 'S iad Iain MacDiarmid agus Calum Steele a tha an cuideachd Cathy NicDhòmhnaill air a' mhadainn sa - saoil dè ghlac an aire fhèin? Thèid sgeulachd mu theaghlach a chaidh am fuadach as an t-Eilean Sgitheanach ann an 1875, innse aig Fèis Dhùn Èideann am bliadhna. Tha Anna Mhàrtainn ag innse mu mar a fhuair i lorg air sgeulachd an teaghlaich agus mar a chuir i an cuirm, air a bheil An Tinne mar ainm, an cèill son an àrd-ùrlar. Agus cluinnidh sinn an tuilleadh chòmhraidhean a thàinig à Rannsachadh na Gàidhlig 2026 ann an Oilthigh Ghlaschu air an t-samhradh sa - is Coinneach Mac a' Ghobhainn ann an còmhradh leis an Dr Natasha Sumner bho Oilthigh Harvard mu sgeulachdan na Fèinne; agus le sgioba bho Oilthigh Dhun Èideann a tha a' rannsachadh buaidh dà-chànanachas air mar a tha daoine ag adhradh.

Programme Website
More episodes