Episode details

Available for 27 days
Tha an còigeamh cuibhreann de sheanchas Toy Story ri fhaicinn a-nis anns na taighean deilbh, a' leantainn Woody, Jessie agus Buzz Lightyear a' tighinn mu choinneamh nàmhaid ùr, tablaid-choimpiutair. Chaidh Fionnlagh Cunniffe 's a theaghlach ga choimhead agus tha Emma a' cluinntinn a bheachdan. Nuair a bha Anne Pelikan, as an t-Eilean Sgitheanach, a' siubhal air feadh an t-saoghail, 's e rud as motha a chòrd rithe a bhith a' còmhradh ri muinntir nan àiteachan agus ag ionnsachadh mun chultur bhuapa. Nuair a thill i dhachaigh roghnaich i seo a dhèanamh na dachaigh fhèin, agus an-diugh gheibhear cothrom ionnsachadh mu a cultur agus a cànan tro chòcaireachd agus còmhradh, na dachaigh ann an Inbhirnis. Dh' innis i an tuilleadh do Niall Iain mu "The Scottish Cooking Experience". Agus 's ann air a 'Heimlich Manoeuvre' a tha Màiri NicRath a' coimhead an t-seachdains agus i a' leantainn oirre le sreath air adhartasan meadaigeach a th' air an cleachdadh gu cunbhalach.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.HeroesHeroesTide Lines
- 2.Just Like Jesse JamesJust Like Jesse JamesCher
- 3.Locked Out Of HeavenLocked Out Of HeavenBruno Mars
- 4.MalibuMalibuMiley Cyrus
- 5.There's Nothing Holding Me BackThere's Nothing Holding Me BackShawn Mendes
- 6.Waiting On The World To ChangeWaiting On The World To ChangeJohn Mayer