Episode details

Available for 30 days
Tro iomadh linn agus thar gach cultar tha òrain air a bhith againn. Ach dè tha a’ toirt oirnn ar guthan a thogail agus carson a tha seinn cho mòr na pàirt de ar fèin-aithne? Thigibh ann an cuideachd Màiri Anna NicUalraig agus i a’ cur na prosbaig air an inneal-ciùil as sine agus as trice a chluinnear; an guth. Anns gach prògram bidh i gar toirt air sgrìob tron iomadh dòigh air òran a lìbhrigeadh, a’ toirt a-steach farsaingeachd de nòsan-ciùil – bho na bliadhnaichean dh’fhalbh suas chun an latha an diugh. Bidh turas Màiri Anna gar toirt gu gach ceàrnaidh dhen t-saoghal ach aig crìdhe gach prògram an còmhnaidh bidh dualchas beartach nan Gàidheal. Anns a’ phrògram seo tha Màiri Anna a’ gabhail sgrìob ceòlmhor timcheall cuid de na stèiseanan-aimsire a gheibhear far chladaichean Bhreatainn agus cluinnear cuideachd bho sheinneadair Gàidhlig na seachdain, Fionnlagh MacNèill.
Programme Website