Episode details

Available for 35 days
'S ann à tasglan a BhBC a thàinig Fàilte air a' Bhaile a chaidh a chlàradh ann an Ùig san Eilean Sgitheanach ann an 1988. Chaidh am prògram a riochdachadh le Cailean MacIlleathain agus a thoirt thugainn le Susan Lockhart. Anns a phrògram cluinnear Catriona NicIlleathain a' seinn 'Tha na Fèidh am Bràigh Ùige', còmhradh ri Alasair MacDhòmhnaill à Eàrlais. Sheinn Iain MacNeacail, 'Molladh Ùige'. Bha Murchadh Caimbeul ag aithris bàrdachd bràthair athair mu Ùig. Chuala sinn bho Iain Peutan a bha a' fuireach ann am Beinn Choinnich, agus mu obair na cidhe bho Dhòmhnall MacIlleathain a bha na oifigear aig a' chidhe ann an Ùig. Cuideachd còmhradh le Iain Peutan a bha ag iasgach a-mach à Ùig, agus mu dheireadh chuala sibh am pìobaire Iain MacCoinnich à Siadar.
Programme Website