Episode details

Available for 29 days
Cha bheag na riochdan meallta a th' air a bhith air an cruthachadh dha na Gàidheil, agus dhan a' Ghàidhealtachd. Disathairne sa chaidh, thug co-labhairt le Urras Leabhraichean nan Eilean àrd-ùrlar do chòmhradh air a' chuspair sin. Eadar turasachd, litreachas romansach, deasbadan cinnidh, agus Beurlachadh de dh' ainmean àite - a bheil na droch riochdan a tha sin ann an eachdraidh agus sa latha a th' ann a' toirt buaidh dha-rìribh air fèin-aithne is cor nan Gàidheal? Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' cur na ceist sin agus iomadach ceist eile air feadhainn a bhruidhinn ann: Boyd Robasdan, Coinneach MacIlleathain, Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, Abigail Burnyeat, Cailean MacIlleathain, Anna Mhàrtainn, agus Ùisdean Cheape.
Programme Website