Episode details

Available for 30 days
'S iomadh cunntas is pearsa a tha rim faicinn air na meadhanan sòisealta. Ach dè dìreach a th' ann an "influencer" nuair a thig e gu na cunntasan sin - agus dè na th'againn de dh'earbsa sna daoine a bhios sinn a' leantainn air-loidhne? Gheibh Cathy cuideachd beachd air na fuinn bho phrògraman cloinne a b'fheàrr a bha a' còrdadh ri Eilidh Daniels, Mìchael Hill, agus Sìne NicLeòid nan òige - agus mar a dhùisgeas a' leithid cianalas sa latha an-diugh. Cluinnidh sinn mu phod-chraoladh ùr Radio nan Gàidheal, Sgeulachd-Beatha, is mar a leigeas e do dhaoine èisteachd air ais ri còmhraidhean air a' phrògram sa agus iomadach prògram eile san àm ri teachd. Agus tha Catrìona Mhoireach a' dèanamh lèirmheas air an dealbh-chluich "Stand & Deliver: The Lee Jeans Sit In" ann an taigh-cluiche an Tron, an Glaschu.
Programme Website